Òran air a sgrìobhadh le: iain mac ille mhoire agus air a sheinn le: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.
This is a song written by: iain mac ille mhoire and sung by: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.
Ged 's dà il cha dearmad a bhac mo sheanchas,
Mum thuras ainmeach san aimsir fhuar;
'S a' chulaidh dhealbhach don ainm Braidalba,
Le gaoith gun anagna dh'fhag balbh an cuan,
Gun d' dhùisg an soirbheas on à irde 'n Earra-dheas,
A ghreas air falbh i mar earb air luaths,
'S nuair dh'fhà isg i canabhas sna tuinn bha barra-gheal,
Bha spà irn gan teannachadh air cainb nan dual.
Nuair lìon na siùil aic', gach aon dhiubh 's brù air,
'S a croinn mar iùbhrain a' lùb san uair,
Bha coileach dubh-ghorm a' ruith on stiùir aic
Na channalag lùbaich ri dùrdan cruaidh;
'S e ceum bha siùbhlach a' leum gu sunndach,
Tron mhuir bha srùladh gu dlùth mun cuairt,
Gum b' fhìor chruit-chiùil a bhith 'g èisteachd bùirein,
A torman sùrdail bu bhrùchdach fuaim.
Gum b' ait an ceòl leinn fìor fhuaim a crònain,
Na ruith cur bhòrlum nan tòrr o gruaidh,
'S am muir is cròic air mu beul a' còpadh,
An là n 's gach seòl aic 's gach ròp ri fuaim;
Na tuinn a' bòcadh le gaoir a' dòrtadh,
Gu dlùth mu bhòrdaibh le ròiceadh cruaidh,
An sgiob ga seòladh le là mhan eòlach,
'S a' dèanamh sòlais ro-mhòr r'a luaths.

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...
Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghaisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.