
Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh e.
Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin bha e a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd.
Tha e air a bhith ann an Glaschu bho 1995 agus na mhinistear an Eaglais Cholm Cille bho 2002 gu deireadh 2009.
Thòisich Dòmhnall Mìcheal air seinn agus e gu math òg. A rèir choltais bha e a' seinn mas robh e a' còmhradh agus aig aois ochd mìosan deug bha e fhèin agus tè dhe chà irdean a' seinn an Skye Boat Song, le na faclan ceart agus am fonn ceart. Bha guth seinn aig athair agus aig a mhà thar agus bha iad ga bhrosnachadh gu bhith seinn.
Bha Dòmhnall Mìcheal a' gabhail pà irt ann an farpaisean aig mòdan ionadail bho bha e còig bliadhna a dh'aois agus lean sin ris gus an robh e na inbheach. Choisinn e am Bonn Òr ann an 1990.
Aig amannan eadar-dhealaichte tha e air a bhith na bhall de Chòisir Ghà idhlig Thung, agus Ceòlraidh Ghà idhlig Ghlaschu, agus na stiùiriche air Còisir Steòrnabhaigh agus Còisir an Taobh Siar. Tha e pòsta aig Alison agus tha dithis bhalach aca.
An-diugh air sgà th cion ùine, chan eil e a' dèanamh mòran seinn, ach bidh e a' teagasg còisir na Sgoil Ghà idhlig ann an Glaschu.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.