Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) agus air a sheinn le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).
This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) and sung by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).
S.Y. dà fhichead 's a dhÃ
siud bà ta ±õ²¹±ô±ô¾±Ã¹²µ´Ç,
B' e iùbhrach i ga cur gu sà l
fo là mhan sgioba dhiùlnaich;
Tarmod Dubh is Ailean Geà rr
a' cà radh rithe siùil-bheart,
Coinneach Nèill fear combaist,
's am Blousa ga stiùireadh.
Tighinn tarsainn uair air a' Chuan Sgìth
's i strì gu fearann Leòdhais,
I sgoltadh geal nan cìreanaich
bha dìreadh ris an t-sròin aic',
'S ann chual iad èigh bho Ailean Geà rr,
"air fà ire tighinn nar còmhdhail,
Mar eil mo shùil air fà iligeadh,
a chà irdean bà ta Tòthan."
Thuirt Ailean Geà rr "Na lasaich i,
thoir srannadh aist' is dìosgail,
'S le cruas nam bonn an taca,
bidh dha cumail às na sìneadh,
Ma bhuannaicheas iad acarsaid
air t' amhaich cha bhith 'n t-sìth ann,
'S bidh sgeula mhòr na tà mailt
aig a' ghrà isg air feadh na sgìre."
Thuirt Coinneach Nèill, "a sheòid
cha robh mo sheòldaireachd sa ghrìosaich,
Thug Cèasar Tsà r 's Bhictòria
air bhòidse mhair a' bhliadhna,
Air long na mìle seòl a bha
cho mòr nuair thug Cuan Siar oirr'
Bha toiseach muigh aig Rònaigh
's Rubha Robhanais air a slìasad."
Fhreagair am Blous' 's e sìamachadh,
"Gu sìorraidheachd an aimlisg,
Chan eil na bòrd 's na h-iallan
ged a stialladh iad an cà inb aist',
Na sheòladh ri mo mhearsaich-sa
ga sgoladh sìos mu manachan
Nuair gheibh mi Rubha Eòropaidh
ri sròin 's i tighinn bhon earra-dheas."
Bha 'n fhiachainn air a' bhonn,
chaidh siùil is buill a chur gu dearbhadh,
Gach brèid a ghleidheadh crann orra
chur teann ri bil na garbhsaich,
A chliathadh sgapadh gamhlasach
troimh chollaid 's greann na fairge,
'S aig dalladh dearg an dùbhlain
bha ga rùsgadh chun an dara-dhruim.
Bha sian an sud is astar
's cha b' e 'n acfhainn ud nach fhaodadh,
Ri tiodhlacadh nan cnagan
cleit a' hailaird 's am bior-snaois ann;
Toirt dìosgail air an aisnichean
's muir geal aca ga shraonadh
'Na chabhadh caoir mun gualainn
is ga shuabadh gach a taobh dhuibh.
Thuirt Tòthan 's e toirt suagan à s,
"Bidh buadh aig gillean là mhach,
'A'n Guinne Dhail-o-Thuath agam
bha iomadh uair an gabhadh,
'A 'n MacCumhail Shuaineaboist,
is gille chruadail PÃ draig,
'S tha 'n cruaidh-fhortan an tòir orra
's cha dean iad bòsd am mà ireach."
Leig Tòthan taobh a' Bhà ghoinn,
's Ceann-an à igh gu taobh a' Chairbh i,
Nuair thug a' ghaoth car ceà rr aist'
ann an fà bhair na meas-toirmeasg;
Am Blous', a ghaoil do mhà thar ort,
air bharraibh bà n an t-soirbheis
Ga ruith gu cala sà bhailte
ri trà igh is creagan Bheiridhe.
Bha reachd a' tachdadh Tòthan,
bha na deòir a' ruith bho shùilean,
'S e maoidheadh teann le dhòrn
air na cinn-chlòth a rinn a' chùis air,
'S e falbh an ìongnan Sheòrais,
's e gun bhrògan, ghuidh an trùileach,
Do Thormod Dubh 's na chòmhlaich leis,
air bòrd a' ±õ²¹±ô±ô¾±Ã¹²µ´Ç.
"A mhic nan creach" thubhairt PÃ draig ris,
"na sà raicheadh do dhiomb thu,
Chan eil a shìol na dh'à raich iad,
na gà rlaich, na ni chùis ort;
'S le eòlas fear-taigh à irigh
bheir mi mòinteach à rd air chùrs i
Biodh d' fhalamadair ga fhà sgadh
is thoir strà ilich oirr' gu Mùirneag."
Cha bheò na bh' air an à irigh
nuair a shnà mh i steach an t-aonach,
'S e thuirt a chuid bha crà bhach dhiubh
gun tà inig deireadh shaoghail;
Cuid eile 'Samhladh bà thaidh'
agus 'TÃ bhannadh an Aonaidh,'
'Noah leis an Airce' 'Yacht an t-SÃ tain,'
's 'Sgà il an Aog-ghlais'.
Tha daoine an-diugh 's cha chreid iad mi,
nan deisciobuil aig Tòmas,
Na fèidh mar chuir i teich orra,
gu ceann-a-deas a Leòdhas,
'S an t-suilich bha Loch Olaighol
tre eagal thug cuan mòr oirr',
'S gun thog i ceann a rithist
san Loch Niseach air a' Mhòr-thìr.
Bu dian a chuir i mhòintich dhith,
'n Gleann Mòr le sgal on iar-eas,
Gu Tom-na-Croise-Nòdh,
o Bhata-lòis 's Tom Mairi Ìomhair;
Gu Botann-dubh a' Gheòidh,
's a-steach a' mhòine troimh na rìasgan,
'S ri gà rradh Doisean ròpaich i
's an Lòn aig 'A'n MacÌomhair.
Bha sgioba Bhlous nam bòtannan,
sgùil mhòr aca fon gà irdein,
A' cromadh leathad Ròigean
's iad a' bòilich leis an là sdachd,
Nuair chual iad gu robh Tòthan
mullach pòl aig taigh 'A'n Bhà rda,
Cuir bratach buaidh an t-seòlaidh,
de chlò-mhòr a dh'fhigh a Chrà g ris.
B' e Coinneach Nèill, nuair dhìteadh iad,
chuir fìrinn air a' chùis dhaibh,
"Clann-nighean shìos an sgìre
thug gu tì sinn 's fealla-shùgraidh;
Bha òrain 's ceòl a pìob againn,
is ruidhl' air feadh an ùrlair,
'S mi fhìn thug greis a' tà isnich
le tè bhà n dhuibh anns a' chùlaist."
Nan tigeadh peann fear geur-chuiseach,
's an sgeul a chur an sgrìobhadh,
Cuir feartan sà ir nan treubhantais
ri euchdan eil ar rìoghachd,
Bhiodh marachd Choinnich Nèill aca
ga leughadh tre na linntinn,
'S Nelson, Raleigh, Blake,
is Fransaidh Drake air dhol a' chuimhne.
'S cho fad as clann na dùbhlachd sinn,
cur smùid a teine mònach,
Cho fad 's as Nisich bhrùideil sinn
a shiùbhlas muir is mòinteach;
Cho fad 's thig guga à Sùla-sgeir
's a shùgh am fuil ar n-òigridh,
Cho fada bidh ar spliùch
mu ±õ²¹±ô±ô¾±Ã¹²µ´Ç 's bà ta Tòthan.

'S ann à sgìre Nis, Leòdhas, a bha Aonghas Caimbeul, no Am Puilean mar a b' fheà rr a dh'aithnichear e. Mar a sgrìobh e fhèin ...
Fiosrachadh air Aonghas Caimbeul (Am Puilean) / Learn more about Aonghas Caimbeul (Am Puilean)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.