Òran air a sgrìobhadh le: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) agus air a sheinn le: Cairistìona Sheadha.
This is a song written by: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) and sung by: Cairistìona Sheadha.
Na measaibh mo dhà n dhuibh, a chà irdean mo ghaoil
A-mhà in na sgath-bhà rdachd, tha grà dh ann d' ur taobh;
Is e cuspair mo chà inidh a' phlà igh sin nach caomh
A' mhisg thug sgrios-aoig air mòr-shluagh.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bhon òl?
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bhon òl?
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bhon òl?
Mun sgrios e gun bròn fa-dheòidh sibh?
An olc leibh mi chà ineadh bhur nà mhaid ro gheur,
Thug masl' air mòr à ireamh 's a dh'fhà g iad an èis,
De dh'anmaibh neo-bhà smhor rinn trà illean fo stèill,
Gu ifrinn na pèin gan seòladh.
Bhi pòit air deoch là idir 's nì grà ineil gu dearbh,
Is droch innleachd a ghnà th e rinn Sà tan a dhealbh;
Tha mallachd an tà th ris bheir bàs agus searg
Air cuirp is air anmaibh còmhladh.
Tha sean-fhacal gnà thaicht ag rà dhtainn on tùs
Gun rùisgear am brà ighe gu sà th thoirt don bhrù;
Ach a' mhisg cha toir à rach do chà il ach don ghruid
'S do mhiannaibh tha brùideil feòlmhor.
Is iomadh teaghlach a dh'fhag i 'n cruaidh-chàs 's am mì-rian
Is mnathan gan crà dh an ceann phà istean gun chiall,
Ag glaodhaich 's a' rà naich gu h-à rd 's iad gun bhiadh
Gun aodach gu 'm bian a chòmhdach.
Mhill a' mhisg ort do bhiùthas 's do chliù chuir mu là r;
Dh'fhà g i creacht' agus spùillt' thu gun iunntas gun tà in,
Mheall i riamh thu le sùgradh, gun d' lùb thu da cà il,
Is dh'fhà g i don ghrà isg nad spòrs thu.
Is i mhill ort do reusan 's troimh'-chèil' chuir na d' cheann,
Mar bhrùid air bheag cèille 's le dèistinneachd cainnt;
Bidh riasladh air Beurla 's "De'il take ye" 's "God damn"
Bidh tric air gach ceann de d' chòmhradh.
An trioblaid gu luath thèid air ghluasad san rùm
Thèid pògan gu tuasaid; paisg suas a' phiob-chiùil
Bithidh gairm air an uamhas, bithidh spuaic fo gach sùil
Gam bualadh le lùths nan dòrnaibh.
Dh'fhà g i grà ineil na d' luids thu ga d' luidreadh sa pholl,
Do chorp le shà r chudthrom a' tuiteam gu trom,
Gun taobh bheir thu ruiseadh nach tuislich do bhonn,
Is là rach do dhròm' 's gach lònan.
An uair thig ort an tlìgheachd le dìobhairt 's le spà irn,
Bhi air d' fhasgadh cha mhillseachd do thì ach cuis-ghrà in,
Na d' thuainealach dìblidh na d 'shìneadh air là r,
Is neo-chùbhraidh le cà ch do bhòrlann.
Dh'fhà g i èitidh mì-sgiamhach do nial mar an t-eug,
Mhill i d' à illeachd is d' iomhaigh 's do chiall gu mì-bheus,
Na d' sgeith ga do smiaradh 's glas-ghiall air do dheud,
Gun smid às do bheul ach ròmhan.
Ged dh' fhaothaich thu falamh do stamag dheth luchd,
Fas-dhìobhairt riut leanaidh bheir sparraibh na d' uchd;
Is nì neònach, mun dealaich do bhà ch-thinneas riut,
Na d' sgairt mur bi gurt le tòbairt.
An uair theirgeas dhut airgiod 's a dh' fhalmh'chear do phùids',
San òst às an d' fhalbh thu 's beag earbs' a gheibh thu,
Thèid spèis dhut air dearmad 's ma ghairmeas tu drùdh,
Bi dearbht' à taobh cùil na còmhla.
Is e siud a dh'fhà g à ireamh cho bà rlagach lom,
Cho eòlach mun t-snà thaid gu tà thadh nan clobhd;
Air dath cha bhi tà ire ma chà ireas e toll,
Geal, dubh, glas, no donn, mas clò e.
Their thu rium nach fear-pòit thu chionn stòp nach do phà idh,
'S nach robh thu 'n tigh-òst' bho chionn còrr agus rà idh,
Ach 's fiosrach e dhòmhsa gun òl thu mar rà ic,
An uair gheibh thu deoch-sglà ib air tòrradh.
Tha peanas na misge gu tric na sgiort fèin -
Croit 's asnaichean briste, mà m-sice 's cnead clèibh,
Cinn 's cruachannan liodraicht is ioscaidean lèirt',
Rinn criplich gun fheum de mhòran.
Gheibh fear a' cheud dòrn air an t-sròin 's nì i leum;
Fear 's leòb ris dheth fheòsaig is tòcadh na dhrèin;
Bidh peirceall fir leòinte 's car stòrach na dheud,
Is fhallaing gu lèir na sroicean.
Fear 's a cheann air a ghearradh 's a mhal' air a ghruaidh;
Fear eile fon chamart gu h-anshocrach truagh,
Mar stamp iad air amhaich 's a charraid ro chruaidh
San d' thuit e na luairean fòdhpa.
Is iomadh laoch a bha là idir gu bàs chuir i 'n-null,
A bha eòlach air snà mh, rinn i bhà thadh sa ghrunnd,
A chaidil fo tà ladh 's gu brà th nach do dhùisg,
Gun d' fhosgail e shùil an dòrainn.
Ge milis an cupan na ghrunnd tha droch dhruaip
Tha miodal mì-rùnach gu dùr dhuit là n fuath,
Mur dian i do dhùineadh an teas dumhail gun truas
Gun bhraon do dh' uisg fuar do throcair.
Is iomadh aon chuir i 'n sàs an glas-là mhan gu teann,
Am prìosan a spà rr i 's nach d'fhà g i fad' ann,
Ach a chroch i gu h-à rd le bàs nà rach air crann,
Le lùbach dheth 'n bhall ma sgòrnan.
Bheir i masladh is nà ir' ort as tà ireile dìol
Na bhi na d' cheòl-gà ire don ghrà isg fad do thriall;
Mur pill thu tro ghràs nì i 'm bàs chur na d' chliabh,
Air d' anam bheir pian gun dòchas.
B' i Cairistìona Sheadha nighean le Uilleam Donn Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thà inig Uilleam à Srannd, an ceann a deas Na Hearadh, agus ...
Fiosrachadh air Cairistìona Sheadha / Learn more about Cairistìona SheadhaCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.