Rugadh am bà rd agus an soisgeulaiche, Iain Moireasdan, Iain Gobha na Hearadh, ann an Ròghadal ann an 1790. Tha na dà in spioradail aige, leithid 'An Ionndrainn' agus An Nuadh Bhreith, air an seinn fhathast. Mar tha an dà n cumhachdach A' Mhisg:
'S iomadh teaghlach a dh'fhà g i 'n cruaidh-chàs 's am mì-rian
Is mnathan gan crà dh an ceann phà istean gun chiall
A' glaodhaich 's a' rà naich gu h-à rd 's iad gun bhiadh,
Gun aodach gu 'm bian a chòmhdach.
Mhill a' mhisg ort do bhiùthas 's do chliù chuir mu là r
Dh'fhà g i creacht' agus spùinnt' thu gun ionntas gun tà in.
Mheall i riamh thu le sùgradh, gun d' lùb thu d' a cà il,
Is dh'fhà g i don ghrà isg nad spòrs thu.
Is mhill i do reusan 's troimh-a-chèil' chuir do cheann
Mar bhrùid air bheag cèille 's le dèisdeanachd cainnt;
Bidh riasladh air Beurla, "De'il take ye, 's God damn"
Bidh tric air gach ceann de d' chòmhradh.
A' sgrìobhadh mu dheidhinn ann an Gairm, Àireamh 4, thug Ruaraidh Mac a' Ghobhainn a bheachd air a' ghobha mar dhuine a bha:
"grinn, glan na phearsa, treun ann an neart, glic agus geur na inntinn agus blà th aoidheil na chridhe." Bha Iain fileanta agus ealanta ann a' leughadh agus sgrìobhadh Gà idhlig agus Beurla, a dh'aindeoin 's nach tug e ach aon mhìos ann an sgoil. B' e gobha sgileil a bh' ann cuideachd:
"Dhèanadh e nì sam bith le iarann 's le òrd agus beartan eile. Bha fèill mhòr air obair air feadh Na Hearadh gu lèir, Uibhist, Beà rnaraigh agus cuid de Leòdhas. Chùm e ceithir teallaichean ag obair na cheà rdaich a' chuid mhòr de fhichead bliadhna.
Is cha b' e mhà in obair chumanta na ceà rdaich a bha e sàs ann. Dhealbhaich e le inntinn, agus chruthaich e le là mhan, iomadh seòrsa inneal, cuibhlichean, rothan de gach seòrsa, agus glasan nach fosgladh neach ach e fhèin."
Phòs e Mòr NicIllEathain nuair a bha e 30 bliadhna a dh'aois. Cha robh iad air a bhith pòsta ach naoi bliadhna nuair a bhà saich Mòr, ann an 1829, a' fà gail Iain Gobha le ceathrar leanabh òg. Sgrìobh e mun bhuille a bha seo:
Is cianail tha mi 'n ceann do phà istean
Ta maoth, bà th gun chùram
Is lot am à irnibh bhi gan claistinn
Caoidh do ghrà idh bha dlùth dhaibh.
Is e dh'fhà g gach là mo chridhe sgà int'
Mi 'n cruaidh-chàs fo thùrsa
Nach eil trà th san cluinn mi rà n
Nach bi na chrà dh as ùr dhomh.
Anns 'An Ionndrainn', 's docha a' chiad laoidh a rinn e, tha e ag rà dh:
Mo chridhe trom gun fhonn 's mi sgìth
Is mi fo mhì-ghean mòr,
Gu brùit' am chom, gun fhois no sìth
Mi sìor dhol clì fo neòil;
Ged fhiosrach mi mu Fhear mo Ghaoil
Chan eil a h-aon am chòir
Bheir sgeul no seòladh dhomh san raon
Gu faotainn saor o m' bhròn.
Air a shlighe gu Hiort ann an 1822, thadhail an soisgeulaiche ainmeil Dòmhnallach na Toiseachd as na Hearadh agus bha buaidh shònraichte aig teagasg an Dòmhnallaich air Iain Gobha. Ann an 1828 thòisich e ag obair mar cheisteir, an toiseach aig an Scottish Society for the Promotion of Christian Knowledge, an S.S.P.C.K., agus, an dèidh dha a dhol dhan Eaglais Shaor, dhan an eaglais sin.
Ach cha b' e beatha spioradail an t-sluaigh a-mhà in a bha cur uallach air. Bha e gu math mothachail air an feumannan saoghalta cuideachd, mar tha Ruaraidh Mac a' Ghobhainn ag innse:
"Bha e na fhear lagha, na fhear sgrìobhaidh 's na charaid dhaibh uile. Chuir e iomadh athchuinge a dh'ionnsaidh Bùird Riaghlaidh na rìoghachd, gu sònraichte Bòrd an Iasgaich, às leth bochdainn an t-sluaigh. Gu daonnan dh'aslaich e gum briste sìos na tuathan mòra nan croitean, a chum gu suidhichte teaghlaichean orra.
Aig à m trioblaid ghluais e nam measg, a' toirt seachad chan e a-mhà in cofhurtachd spioradail ach cungaidhean leighis a shlà naicheadh an corp. A thuilleadh air a' sin bha a thaigh fhèin fosgailte an-còmhnaidh do dh'acras agus feum nam bochd."
Cha b' e beatha shocair a bha aige. Chaill e cuideachd an dà rna bean, Catrìona NicLeòid, a dh'fhà g dithis leanabh às a dèidh, agus phòs e airson an treas uair Mà iri NicAmhlaigh às Na Hearadh.
Bha Iain Gobha mar mheadhan air eaglais Mhà nais a thogail agus chaidh e air turas gu à iteachan mar Dùn Omhain, Baile Bhòid, Grianaig, Glaschu agus Dùn Èideann a dh'iarraidh taic, mar tha e ag innse ann an 'Dà n na Breadalbann', an t-soitheach air an t-seòl e:
An Dùn Othain à igh ghabh mi tìr mar b' à ill leam
Far an d' thuig mo chà irdean cion-fà th mo chuairt
A nochd gun dà il dhomh gun robh 'n gaol brà ithreil
Gu dlùth rin à irnibh le bà igh 's le truas;
'S cha b' ann a-mhà in ann am briathran blà tha
Nochd iad an grà dh bhi do chàs an Uain
Ach fial pailt là mhach do mhaoin a phà irtich
Gu Eaglais Mhà nais a là n chur suas.
An dèidh fhuadach às an Òb ann an 1848, chaidh Iain Gobha a dh'fhuireach ann a' Leac a Lì. Bhà saich e air 6 Dùbhlachd, 1852, agus tha e air a thìodhlacadh ann an Ròghadal. Sgrìobh Niall Moireasdan marbhrann dha, Cliù Iain Gobha, agus rinn fear MacIllìosa cumha dha:
'S dà n an ionnsaidh 's is cruaidh
Dhomh do chliù dhol ga luaidh,
A bha dìleas ad ghluasad is treun,
Fear do ghibhtean 's do ghrà is
Bha gun leth-bhreac ad lÃ
Mar a dh'innseas do bhà rdachd ad dhèidh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha iomradh air beatha a' bhà ird agus a chuid dhà in air an cruinneachadh san leabhar Dà in Iain Gobha: The Poems of John Morison, air a dheasachadh le George Henderson (Knox Press, Dùn Èideann).
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.