Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, anna nicSuain, capercaillie cuide ri mairead ni mhaonaigh, fiona chaimbeul agus Karen NicMhathain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, anna nicSuain, capercaillie cuide ri mairead ni mhaonaigh, fiona chaimbeul and Karen NicMhathain.
Och, ochan a Rìgh, gur tinn an galar an grà dh!
Chan eil neach air am bi nach saoil gur seachdain gach latha;
Gun bhrist e mo chridh', 's gun sgaoil e cuislean mo shlà int,
Bhith 'g amharc ad dhèidh, a ghèig a' bhroillich ghil bhà in, ghil bhà in.
Ma thèid thu air srà id, a ghrà idh, biodh gini ad phòc
Is òl mo dheoch-slà int' 's gach à it' an suidh thu mun bhòrd;
An cridhe geal, fialaidh, aotrom, aighearach, òg,
'S bu mhilis leam fhèin am beul on tigeadh an ceòl, an ceòl.
A Bhuachaille Bhà in, mas à ill leat labhairt air thùs,
Gura leatsa gun dà il mo là mh, ma thig thu rium dlùth;
Nach truagh mar a tà , nach d' thà rlaidh mis' agus thu
Air eilean gun trà igh, gun rà mh, gun choite, gun stiùir, gun stiùir.
Na faiceadh sibh geug, 's i 'g èirigh madainn chiùin cheò,
Le pearsa dha rèir, nì ceudan mhealladh nan dòigh;
Gur binne do bheul na teudan fhidheil ri ceòl,
'S nach truagh leat mi 'd dhèidh leam fhèin air cnocan ri bròn, ri bròn.
Nan robh mis' is thu am beinn, no monadh, no sliabh,
No air an trà igh bhà in an à it' nach robh duine riamh,
Seachd oidhche, seachd latha, gun tà mh, gun chadal, gun bhiadh,
Ach thus' a bhith ghrà idh 's do là mh gheal tharam gu fial, gu fial.
Gur toil leam an deud, 's am beul nach labhradh le sgraing
Bhith sìnte rim thaobh, a ghaoil, nan tigeadh tu ann;
Mur biodh luchd nam breug bha m' eudail 's mise, gun taing
Le òrdugh na clèir le chèile 'n ceangal gu teann, gu teann.
Do chùl buidhe dualach, cuachach, camagach, tlà th
Dh'fhà g mise fo ghruaim gu buan, gu latha mo bhà is,
'S nan tigeadh tu nuas air chuairt dhan bhaile-sa thà mh,
Ged chaochail mo shnuadh, bu dual dhomh rithist bhith slà n.

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghà idheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...
Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathain
Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gà idhlig agus caochladh chà nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosaCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.