
Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gà idhlig agus caochladh chà nain eile: air telebhisean, rèidio agus clà r; ann an tallachan, an taighean-cluiche agus cabaret; aig co-labhairtean, fèisean, agus sgoiltean-samhraidh ann an Alba agus thall-thairis.
Tha i air pà irt a ghabhail ann an sreathan gun à ireamh de phrògraman telebhisean, an dà chuid ann an Alba agus air feadh Bhreatainn bho 'S e Ur Beatha anns na Siathadan gu Dà Chà nain, Aon Chridhe agus °Õ³Ü²¹³Ù³ó-³¦³ó±ðò±ô bho chionn ghoirid.
Tha Anna air a bhith ag ionnsachadh òrain Ghà idhlig fad a beatha. Thòisich i a' dol dhan Mhòd nuair a bha i sa Bhun-sgoil san Òban. Fhuair i eòlas air òrain à beul-aithris ann an Àrd-sgoil an Òbain, bho cheannard na sgoile, Iain MacIllEathain à Ratharsair, a thug dhi òrain mar 'Cairistìona', 'Ailein Duinn a Nì 's a Nà ire', Òran Mòr Sgorrabreac, A Mhic Iain 'ic Sheumais, agus Mo Rùn Geal Òg – am fear a ghabh i mar a roghainn fhèin nuair a choisinn i Bonn Òir a' Chomuinn aig aois seachd bliadhna deug.
Cheumnaich i bho Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1965 (Ceiltis agus Beurla). Bha An t-Urramach Uilleam MacMhathain na Òraidiche Ceiltis aig an à m agus thug esan dhi iomadach òran.
Dh'fhuirich Anna ann an Dùn Èideann airson bliadhna eile, gu cùrsa for-cheum a ghabhail ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, mus deachaidh i sìos a Lunnainn airson trèanadh clasaigeach fhaighinn dhan ghuth aice.
Ann an 1967 fhuair i LRAM bhon Acadamaidh Rìoghail, agus teisteanas teagasg (PGCE) bho Oilthigh Lunnainn. Fhuair i obair ann an à rd-sgoil mhòr ann an Siorrachd Oxford: cha b' fhada gus an do dh'fhàs a' chlann eòlach (agus measail!) air òrain Ghà idhlig.
Tha Anna air a bhith a' feuchainn gu còraichean na Gà idhlig a sheasamh fad a beatha – mar thidsear, sgrìobhaiche, neach dhèanadais, agus pà rant: tha triùir chloinne aice.
Bha i na Bean-taic aig Comhairle nan Sgoiltean-Àraich bho 1982–1997, agus na ball de dh'iomadach chomataidh eile. Bhiodh i a' teagasg òrain Ghà idhlig ann an Sgoil Shamhraidh Oilthigh Shruighlea a h-uile bliadhna: am measg nan oileanach a thà inig gu na clasaichean aice bha Karen NicMhathain, Mà iri NicAonghais agus Talitha Nelson.
Ann an 1985 chaidh i a Cholaiste Chnoc Iòrdain gus teisteanas a bharrachd fhaighinn aig ìre bun-sgoil, airson a bhith gu feum dhan aonad Ghà idhlig a bha air ùr stèidheachadh ann am Bunsgoil Shir Iain Mhacsueil an Glaschu. Ann an 1989 fhuair i PhD bho Oilthigh Ghlaschu (Gaelic-medium Education in Urban Contexts).
Bha i ag obair mar Oifigeach-leasachaidh (Foghlaim) aig CNAG, an uair sin mar Riochdaire telebhisein aig MNE agus STBh (bha i na riochdaire air Speaking our Language) agus, aig a' cheann thall, na h-Ã’raidiche ann an Oilthigh Shrath Chluaidh.
Bha i na Neach-labhairt Dualchais agus Gà idhlig aig Pà irtidh Nà iseanta na h-Alba eadar 1996 agus 1999, agus sheas i mar thagraiche airson nam Pà rlamaid (a) Lunnainneach agus (b) Eòrpach: cha do rinn i a' chùis, ged-thà , ach rinn i deagh charaidean ùra – dhi fhèin agus, bhiodh i an dùil, dhan Ghà idhlig! Tha i a-nis a' ruith companaidh riochdachaidh / fhoillseachaidh (Brìgh) còmhla ris an duin' aice, CaoimhÃn Bree.
Ann an 1992 chaidh iarraidh oirre fèin-eachdraidh a sgrìobhadh (Song of Myself, Mainstream) agus bhrosnaich seo i gus ultach leabhraichean eile a sgrìobhadh, nam measg Songs of Gaelic Scotland (Birlinn, 2005), Coille an Fhà saich, co-chruinneachadh den bhà rdachd agus òrain aig Dòmhnall Mac'Ilip (Brìgh, 2008), agus tòrr leabhraichean chloinne.
Mar aithneachadh air an obair a rinn i dhan Ghà idhlig thar nam bliadhna, thug Oilthigh Dhùn Èideann Ollamhachd Urramach dhi ann an 1993, thug Oilthigh na Gà idhealtachd Caidreabh Urramach dhi ann an 2008, agus ann an 2009 chaidh a h-ainmeachadh mar Thosgaire na Gà idhlig le Riaghaltas na h-Alba.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.