Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri NicEalair agus air a sheinn le: Ceana Chaimbeul agus Kathleen NicAonghais.
This is a song written by: MÃ iri NicEalair and sung by: Ceana Chaimbeul and Kathleen NicAonghais.
O, 's mairg tha 'n diugh feadh garbhlaich
'S ri falbhan am measg fraoich;
Us gathan grèin gu h-òrbhuidh
A' dòrtadh air gach taobh.
Gum b'fheà rr a bhi air bà rr nan tonn
Air long nan cranna caol;
'S a' faicinn nan seòl ùra
Ri sùgradh anns a' ghaoith.
O, fhleasgaich òig, gur gòrach leam
Do chòmhradh anns an uair,
An fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh
Ri gleanntan glas a' chuain;
'S gur tric a's adhbhar caoinidh leam
A h-aon dhan d' thug mi luaidh,
Bhi às mo shealladh fad air falbh
Air bharraibh garbh nan stuadh.
A rìbhinn òig dhan d' thug mi gaol
B' e bhith ri d' thaobh mo mhiann,
Bhon chiad là riamh thug mi dhut spèis
Bu tu mo reul 's mo ghrian,
Ach taobh ri taobh, a luaidh ri d' ghaol
Tha m' aigne 'g aomadh riamh,
Gu marcachd nan tonn dùbhghorm
A dh'aindeoin dùdlachd shian.
O, leam bu mhiann a bhith san luing,
'S an stiùir a bhith nam là imh
An uair bhios muir gu nualanach,
Na glinn 's na stuaghan à rd,
A' brùchdadh barra-gheal fo a sròin,
'S le crònan seach a sail;
I 'g èirigh eutrom air gach tonn,
Is fonn oirre ri gà ir'.
I 'g èirigh eutrom air an t-snà mh
Mar eala bhà in 's a' chaol;
Gach sgòd aice a mach gu cheann,
'S gach seòl a' tarraing gaoith';
I falbh le cuinnein fiadhta
Thair tuinn a b' fhiadhaich gaoir,
Mar steud-each cruidheach, uaibhreach,
A thug mu chluasa 'n taod.
Is ged a bhrùchdadh gaothan oirnn
Le neart nam Faoilleach fuar,
Is toirm na bagairt' bà smhoire
Bhi 'm bà irnich à rd nan stuagh,
Le marachd mhath is cùram
Gheibh an iùbhrach ghasd a' bhuaidh;
'S thig fearalachd is mòralachd
Ri linn na còmhstri cruaidh'.
'S an uair a thigeadh sìochaint,
'S a bhiodh grian a' deà rrsadh caoin;
Gum b' aotrom bhi le ceòl is sunnd
Cur siùil ri slatan caoil;
'S an uair a bhiomaid dìomhanach,
Mo dhriamlach thair a taobh,
Is mi gu h-ait a' seinn le fonn,
"Mo nighean donn mo ghaol."
"O, òigeir ùir, nach èisd thu rium,
Ged 's mòr do spèis don chuan,
Cha mhair an òige daonnan,
'S 'n uair thig an aois le gruaim,
Gur bochd an obair seann-duine
Bhi mach fo ghreann nan stuagh
Fo chathadh geal nam bòc-thonna
Tro 'n oidhche reòdhta fhuair."
"O, 's mairg ri dorchadas is stoirm,
Bhios air a' chladach leis
Na gà irdeanan bha là idir
Air fà illneachadh gun treis',
Taigh-solais air an fhuaradh,
Is gaoth as cruaidhe fead
Gan sparradh chùm an fhuathais
'S an long mun cuairt cha leig."
"O, ainnir dhonn, na sil do dheòir,
Mu bhròn nach tig a chaoidh.
Tha 'n Tì a' riaghladh air a' chuan,
Tha riaghladh cluaintean fraoich;
Is ged, a luaidh, a thriallas mi
Gu oirean cian an t-saoghail,
Le thoil-san thig mi sà bhailte
Gu broilleach blà th mo ghaoil.
"Is ged is goirt an dealachadh,
Bidh 'n coinneachadh d'a rèir,
'S ar cridheachan an dealas ùr
A' dlùthachadh ri chèil',
An gaol gun mheirg, gun fhà ilneachadh
Ach mar a bha gun bheud;
Gach turas-cuain ga ùrachadh
A mhùirneag a' chùil rèidh."

'S i Kathleen NicAonghais aon den t-sianar chloinne a bha aig Dhòmhnaill Phà draig Iagain air a bheil Mìcheal Mac a' Phearsain a' cuimhneachadh sa chumha ...
Fiosrachadh air Kathleen NicAonghais / Learn more about Kathleen NicAonghais
Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob, anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am Bonn Òr ...
Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana ChaimbeulCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.