
'S i Kathleen NicAonghais aon den t-sianar chloinne a bha aig Dhòmhnaill Phà draig Iagain air a bheil Mìcheal Mac a' Phearsain a' cuimhneachadh sa chumha Òran Dhòmhnaill Phà draig Iagain.
Chaidh i gu Sgoil Dhalabroig, gu Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh agus an uair sin thug i ceithir bliadhna sa cholaiste mus do cheumnaich i le Urram ann am Print Design ann an 1991.
Ghabh i obair geà rr-ùine aig STV agus bhon uair sin fhuair i obair air iomadh prògram telebhisean, nam measg Ran Dan, Machair agus Tacsi. 'S i a chluich Kay NicMhathain anns an dealbh An Ceasnachadh ann an 2000.
Tha i air mòran obair theatre a dhèanamh cuideachd, mar eisimpleir trì dealbhan-chluich còmhla ris a' chompanaidh Tosg, No V in Gaelic as a' Citizen's Theatre an Glaschu, agus dà dhealbh-chluich as an Arches Theatre an Glaschu cuideachd.
Tha i air seinn an iomadh à ite agus còmhla ri iomadh seinneadair agus neach-ciùil eile, agus b' i a choisinn duais Seinneadair Gà idhlig na Bliadhna aig Na Trads ann an 2006.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.