Òran air a sgrìobhadh le: Mòr NicLeòid (Mòr Thorcaill) agus air a sheinn le: Anna NicPhà il agus Peigi Oighrig NicÌomhair.
This is a song written by: Mòr NicLeòid (Mòr Thorcaill) and sung by: Anna NicPhà il and Peigi Oighrig NicÌomhair.
Och mar tha mi an dèidh do shùgradh;
'S cianail, tùrsach mi an dèidh do chòmhradh;
Gur e do ghaol-sa rinn mise liathadh,
'S an gealladh dìomhair a fhuair mi òg ort.
'S e toil m' athair is toil mo mhà thair,
'S toil mo chà irdean dhomh bhon bha'd cho gòrach;
'S gun tug iad ormsa mo chiad ghaol fhà gail,
'S a dhol a thà mh ann am meadhan na mòinteach.
Chuir iad mise gu Loch an Acha,
'S beag mo thlachd-sa bhith ann a' còmhnaidh;
Chan fhaic mi bà ta ri dol gu sà l ann,
Cha chluinn mi cà il ac' ach crodh is òisgean.
'S nuair a dhìreas mi ‘n à rd an cruadhlach,
'S a chì mi an cuan air a bheil thu seòladh;
Gum bi na deòirean ri ruith bhom shùilean,
Mar sruthan bùrn ann an druim na mòinteach.
'S a' rud a gheall thu 's nach d' chuir thu ceann air,
'S e sin sa gheamhradh thighinn dha mo phòsadh;
Mas e 's nach b'fhiach mi 's gun deach e dìochuimhn'
Biodh beannachd Dhia ort cho fad ‘s is beò thu.
'S ged a thigeadh fear uair san t-seachdain,
Cha toir mi gealladh do neach tha beò ac';
Nì mi innse dhaibh-san gu bheil nas fheà rr leam,
Ri tighinn air fà ire air long bà n nan ròpan.
'S togaidh mise taigh geal ùr dhut,
Le lobhta dhùinte a chuir fod bhrògan;
Gheibh thu siud agus crodh is caoraich,
'S gach nì dhan t-saoghal a fhuair mi còir air.
Dè ged gheibhinn-sa crodh is caoraich,
Taigh geal air aoladh 's a chur an òrdug?
'S mòr gum b' fheà rr leam mo chiad ghaol fhaotainn,
Gun nì dhan t-saoghal ach deise chòrd air.
'S ged theireadh cà ch rium gu robh thu suarach,
'S e smior na h-uaisle a bh'annad dhòmhsa';
'S a chaoidh gun cà irich iad anns an uaigh mi,
An gaol a fhuair thu, chan fhaigh an còrr e.
Tha cuibhle an Fhortain ri cur nan car dhith;
'S gur mise dh'fhairich siud ged is òg mi:
A' fear a b' fheà rr leam bha riamh san à ite'
An-diugh na ghrà in leis a thighinn nam chòmhradh.
'S na biodh aon neach a-nise saoilsinn,
Ged tha mi aotrom gu bheil mi gòrach;
Aig gaol na h-òige a chuir air dìochuimhn'
'S e mar a' sgian bhith dol sìos am bòrdair.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô - Cuibhl' an Fhortain
Tha Cuibhl' an Fhortain a' nochdadh ann an grunn òrain, nam measg an t-òran a rinn Alasadair Moireasdan, Alasdair Chaluim à Brù, Leòdhas. An dèidh mor-chuid dhe bheatha a chuir seachad aig muir chaochail e ann an 1951.
Tha cuibhl' an fhortain a' cur nan caran
'S mise dh'fhairich sin ged is òg mi;
An tè a b'fheà rr leam bha riamh san à ite
An- diugh gur grà in leatha a thigh'nn nam chòmhradh.
Nuair a thèid mi gu Srà id Iamaica
Bidh fear is tè air a h-uile còrnair;
Ged chithinn searbhant cha dèan mi falbh leatha
Is mi gun lorg air mo charbhaidh bòidheach.
Nuair a thèid mi chun na cuibhle
Meadhan oidhche' is a bhios i reòite;
'S mòr gum b'fheà rr leam a bhith le pà iste
An leabaidh à rd 'n eilean bà n an eòrna.
Faire, faire, faire shaoghail
'S e do ghaol mar a chaidh e dhòmhsa;
'S e dh'fhà g gun tuar mi is tu cho fuar rium
Ri deighean cruaidh air na lochan reòite.
Nuair a thèid mi dhan a' Chruadhlach
'S a chì mi 'n cuan air an robh mi seòladh;
Bidh na deòirean a' riuth bhom shùilean
Mar shruthan bùrn ann am meadhan mòintich.
Thà inig Peigi Oighrig NicÌomhair, Peigi Oighrig Aonghais an t-Saighdeir, agus an duine aice, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn nach maireann à Bhaltos, air ais a dh'fhuireach ...
Fiosrachadh air Peigi Oighrig NicÌomhair / Learn more about Peigi Oighrig NicÌomhair
Rugadh Anna NicPhà il, Anna Iain a' Gheà rr, ann a' Siabost air 12 Dà mhair, 1942. B' i Oighrig NicLeòid, Oighreig Splin, a mà thair agus bhuineadh a ...
Fiosrachadh air Anna NicPhà il / Learn more about Anna NicPhà ilCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.