Thà inig Peigi Oighrig NicÌomhair, Peigi Oighrig Aonghais an t-Saighdeir, agus an duine aice, Dòmhnall Mac a' Ghobhainn nach maireann à Bhaltos, air ais a dh'fhuireach air a' Chnìp, baile a breith 's a h-à raich, an dèidh dhaibh bliadhnaichean mòra a thoirt ann an Lunnainn.
Chan e a-mhà in gum bi Peigi Oighrig a' seinn, bidh i cuideachd a' deanamh òrain. B' e Dòmhnall MacÃŒomhair, Dòmhnall Donn, bà rd a' Chnìp, brà thair a seanar agus dh'innis i fhèin air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 16/06/2001 mar a thuirt e rithe, is e air leabaidh a bhà is, gu faigheadh i spiorad na bà rdachd.
"A' latha a bhà saich e, bha mi a' bleoghann a' chruidh as a' bhà thaich agus thà inig m' athair a-steach. Bhiodh e a' dol a-mach a h-uile madainn a dh'fhaicinn dè mar a bha e. Cha robh e ach bochd. Agus thuirt e rium, "Tha e gad iarraidh as a' bhad."
'S nuair a chaidh mi a-steach, bha an uair sin dà leabaidh air fad a chèile agus dà chraiceann laoigh air beulaibh nan leap. Agus thuirt e, "Trobhad 's na biodh eagal ort. Thoir dhomh do là mh."
Agus thug m' athair orm a dhol a-null chun na leabaidh agus thuirt e, "Tha mi a' fà gail an t-saoghail-s' a dh'aithghearr. Agus 's e thusa a tha faighinn spiorad na bà rdachd agus tha mi dol a thoirt comhairle ort. Na cuir i chaoidh gu dì-moladh, na cuir i chaoidh gu cà ineadh, ach na cùm air ais i. Chan urrainn dhut."
Chaochail Dòmhnall Donn mu 1945 agus goirid an dèidh a bhà is rinn Peigi Oighrig a' chiad òran, a' moladh an t-seallaidh a tha ri fhaicinn bho mhullach cnuic faisg air a dachaigh.
Nuair thèid mi 'n à irde bhà rr a' chnuic
Mar 's tric air feasgar SÃ baid,
Chì mi Riof is Bhaltos Ùig
'S an Cnìp far 'n d' fhuair mi m' à rach.
Chì mi Siaram dhomh nas fhaisg'
Bhuidha Mhòr 's gach à ite;
Bhacasaigh is Gob an Stuing
Is trà igh na Beirghe là mh rium.
Chì mi faisg dhomh Pabaigh Mhòr
A' cumail taobh ri MÃ isgear
Sgeir Mineig bheag aig gob an Tòbh'
'S an fhairge beucadh à rd oirr'.
Tha 'n Gallan Ùigeach muigh aig tuath
Cha dèan mi an t-Seanna Bheinn fhà gail
Na Beà rnaraigh is Caolas Ùig
Far an tric le lìon is bà t' iad.
Fad ceithir bliadhna fichead bha an taigh aig Peigi Oighrig agus Donaidh ann a' Lunnainn na dhachaigh do mhòran Ghà idheil agus gu h-à raidh do sheòladairean a bha falbh agus a' tighinn eadar an dachaigh agus bailtean-puirt air feadh an t-saoghail. Cha robh aoigheachd is fearas-chuideachd, ceòl agus spòrs uair sam bith gann ann.
Bha Seumas Ros a bha ag obair aig Sgoil Eolais na h-Alba air a bhith ann a' Leòdhas agus air òrain a chlà radh bho Aonghas Coinneach MacÃŒomhair, brà thair Pheigi Oighrig. Nuair a chuala e gu robh piuthar aige a bhiodh a' seinn, ann an 1957 chaidh e air an astar a Lunnainn ga clà radh. Chaidh a clà radh ann a Lunnainn cuideachd le Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal.
Ann an 2009 chlà r Peigi Oighrig cuid de na h-òrain aice fhèin agus cuid de dh'òrain Dhòmhnaill Duinn air DVD a tha ri fhaighinn bho Chomann Eachdraidh Ùig.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.