Òran air a sgrìobhadh le: catrìona nic ille bhà in ghrannd agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Anna Nic na Ceà rdaich agus seonaid davidson.
This is a song written by: catrìona nic ille bhà in ghrannd and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Anna Nic na Ceà rdaich and seonaid davidson.
Sa ghleann ud shuas thug cìobair òg
A chromag dhomhs' an-dè,
Bha 'n cagar chuir e 'm chluais mar cheòl,
'S mo chridh' le sòlas leum,
Chan innis mi 'n cagar ud a luaidh,
Do ghruagach tha fon ghrèin,
Oir mheall e uam, cha cheil mi uat,
Mo chridh' gu buan 's gu lèir.
Tha thu mar ghrèin a' Chèitein leam
A dh'èireas ciùin gun neòil,
A' togail sùil nan neòinean trom,
'S iad crom gu là r fo dheòir.
A' dùsgadh eòin nan tom 's nan geug
Gu dùrdail ait is ceòl;
Chan fhaic mi faileas air mo speur
Fhad 's tha thu fhèin am chòir.
Is tric air madainn earraich chiùin
A lean mo shùil do cheum,
A' dìreadh siùbhlach chnoc is stùc
Feadh chreag is sgur a' leum.
Gum b'fhuaisgealtach do ghluasad treun
Mar chas an fhèidh air raon,
Ri aghaidh speur, air bhà rr nam beur
Do shealladh geur an taobh-s'.
A chìobair òig bha leamsa shuas
Fo sgà il nam bruaich an-dè,
Mar cheòl bha 'n cagar chuir thu 'm chluais,
'S mo chridh' tha fuaight' riut fhèin.
Ach och! 's e 'n-diugh a dh'fhà g mi truagh
Nach meal mi buan do ghaol,
Ged bheirinn suas, air sgà th mo luaidh,
Gu h-uallach, mìle saoghal.

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gà idhlig agus caochladh chà nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa
'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceà rdaich ach buinidh a teaghlach do ...
Fiosrachadh air Anna Nic na Ceà rdaich / Learn more about Anna Nic na Ceà rdaichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.