Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Pà draig Grannd agus air a sheinn le: Mà iri Peckham.
This is a song written by: An t-Urr. PÃ draig Grannd and sung by: MÃ iri Peckham.
Air dhomh bhith sealltainn air saoghal truagh,
Chì mi caochladh tighinn air gach uair;
Chì mi daoine a' cur an cùl rium,
'S a' dol gu dlùth chum an dachaigh bhuan.
Tha sean is òg a' dol sìos don uaigh;
Air lag 's air là idir, tha 'm bàs toirt buaidh.
Nuair thig an t-à m dhaibh an saoghal fhà gail
Mas tinn no slà n iad, cha tà mh iad uair.
Ach 's rabhadh mòr siud do chà ch den t-sluagh
'S is mithich dhòmhsa gun chuir fad uam;
Tha rabhadh garbh ann bhith deas gu falbh à s,
Oir tha 'n taigh talmhaidh gu tighinn a-nuas.
O anam rannsaich nach bi thu clì;
'S ann thig an call ort ma thèid thu 'n dìth;
Caillidh tu 'n sòlas tha 'n Rìgh na Glòire
Is air do dhòrainn chan fhaic thu crìoch.
Ach mas ann clì tha thu, seo an uair
Gu tighinn dìreach a dh'ionnsaigh an Uain;
Dh'ionnsaigh an Tì sin thug suas an ìobairt
Leis am bheil sìth air a thoirt mun cuairt.
Is ged tha chà irdean an seo air chuairt,
Bheir e an à rd iad is gheibh iad duais;
Nuair thig am bàs thèid iad suas gu Pà rras;
Bi iad gu brà th aig an dachaigh bhuan
Tuilleadh Fiosrachaidh
Dà in Spioradail le Pà draig Grannd (John Grant, Dùn Èideann, 1897)
Sounds from Heaven le Colin agus Mary Peckham (Christian Focus Publications, 2001)

B' ann à Port Nis, Leòdhas a bha Mà iri Peckham (Mhoireasdan). Cha robh i ach 18 nuair a chaidh a h-iompachadh ri linn an dùsgaidh ...
Fiosrachadh air Mà iri Peckham / Learn more about Mà iri PeckhamCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.