Air prògram Gà idhlig a' BhBC sa Mhà rt 1966, thuirt an t-Urr. Èideard G. Caimbeul, a bha aig an à m ann am Bellshill an Siorrachd Lannraig, gu robh e a' dol a dhèanamh luaidh air "bà rd, soisgeulaiche, sgrìobhadair agus tuathanach a rugadh anns a' bhliadhna 1783. Tha a bhà rdachd a' còmhdach dà fhichead bliadhna, a' sgrìobhadh agus a thuathanachais nas lugha tìm. Tha a chliù air mòran bhilean agus ann an iomadh ceà rn den domhain". Bha e a' bruidhinn air Pà draig Grannd.
Trì mìle bho Bhaile nan Grannd ann an Srath Spè, tha dà bhaile fearainn, am Baile Tuath agus Bail an Luig agus b' ann as a' chiad fhear a rugadh Pà draig ann an 1783, an duine a b' òige ann an teaghlach de chòignear chloinne. Bha athair, Dòmhnall Grannd, na fhìdhleir barraichte.
Aig aois trì bliadhna chaidh Pà draig gu taigh a sheanair, athair a mhà thar, am Bail an Luig, agus a rèir coltais bha e tric e a' cumail sùil air crodh air Monadh Uachdair. Chaochail a mhà thair nuair a bha e seachd.
Air prògram Gà idhlig a' BhBC air 2 Sultain, 1946, fhuair sinn an dealbh seo air Pà draig òg:
"Cha robh anns an sgìre fìdhlear a bheireadh bà rr air Dòmhnall Grannd, athair Phà draig, agus bhiodh e daonnan aig gach cruinneachadh agus gach dannsa bhiodh anns an t-srath.
Cha robh e na mhòr iongnadh matà ged a bhiodh Pà draig air a tharraing a dh'ionnsaigh taigh athair, agus aig aois 18, a' tuiteam am measg na cuideachd seo a bhiodh gu tric an cois an fhìdhleir. Bha tà lantan athair air am buileachadh air Pà draig, agus bha esan cuideachd na fhìdhleir air leth.
Bha e gu nà darra toilichte na inntinn; bha e ro mhath air seinn nan òran agus dèidheil air dannsa agus bha "an nà mhaid" ag rà dh ris nach robh cron sam bith 's na nithean sin."
Dh'innis an t-Urr. Caimbeul mar a chaidh PÃ draig iompachadh:
"Bha eòlas aige air Dia. Bha e air ceann na seinn san eaglais; bha e ri beagan teagaisg ach bha à ite na chridhe air son cèilidh agus dannsa.
Thà inig bas duine òg don bhaile. Chaidh e a dh'ionnsaigh an tiodhlacadh agus air an fheasgar sin choisich e còig mile gu cluich aig dannsa.
"Rà inig mi an t-à ite, thuirt e. Bha mi dall le eagal. Shuidh mi gun chomas labhairt. Cha robh misneach agam an taigh fhà gail. Chaidh a' choinneal à s. Dh'fhalbh mi san dorchadas. Tha mi an dòchas gun do dh'fhà g mi beannachd shìorraidh aig dìomhanas."
Air an t-Sà baid an dèidh sin, threòraich e seinn na h-eaglais ach feasgar chuir e aghaidh air coitheanal duine a' chòta ruaidh, Lachlan Mac an Tòisich. Bhuineadh an teachdaire do Bhà ideanach agus do sheirbheis na Haldanes. Bha an t-adhradh a-mach air an raon. Chual' e seinn:
Is e mo thà mh 's mo shuaimhneas fòs,
Gu suthain is gu sìor;
An seo ni mise fà rdach dhomh
Oir is i mo mhiann gu fìor.
Le guth là idir agus briathran taitneach, le gnùis choimh agus sùil bheò labhair Mac an Toisich. Air an oidhche sin chunnaic Pà draig a dhleasdanas."
Bha Lachlan Mac an Tòisich na mhinisteir san Eaglais Bhaisteach ann an Srath Spè agus thug e buaidh mhòr air Pà draig Grannd. An dèidh dha an sgìre fhà gail chuir an eaglais cuireadh gu Pà draig tighinn na à ite. Bha e an sin bho 1826 gus an do dh'eug e ann an 1867.
Bha na laoidhean aige air an seinn fad is farsaing agus bha cliù aige cuideachd airson a bhith deas-bhriathrach.
Mar a dh'innis an t-Urr. Caimbeul:
Aig crìoch seirbheis shòlaimte ann an Inbhir Pheofharain thà inig duine ionnsaichte a' tabhairt taing. "Ciod an oilthigh anns an robh sibh?" thuirt an sgoilear. "Cà ite an do chruinnich sibh ur foghlam?"
Fhreagair Pà draig, "Eadar là mhan a' chrainn-treabhaidh".
Chaochail e ann an 1867.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.