Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) agus air a sheinn le: iain macAoidh, Calum Ceanadach, capercaillie, dòmhnall maccoinnich (Dòmhnall Chròic), gòrdan mckeeve, Karen NicMhathain, Neilidh Fearghasdan agus Seumas Greumach.
This is a song written by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna) and sung by: iain macAoidh, Calum Ceanadach, capercaillie, dòmhnall maccoinnich (Dòmhnall Chròic), gòrdan mckeeve, Karen NicMhathain, Neilidh Fearghasdan and Seumas Greumach.
Gur duilich leam mar tha mi 's mo chridhe 'n sàs aig bròn
Bhon an uair a dh'fhà g mi beanntan à rd a' cheò
Gleanntanan a' mhà nrain, nan loch, nam bà gh 's nan òb
'S an eala bhà n tha tà mh ann gach latha air 'm bheil mi 'n tòir.
A Mhagaidh na bi tùrsach a rùin ged gheibhinn bà s
Cò am fear am measg an t-sluaigh a mhaireas buan gu brà th
Chan eil sinn uile ach air chuairt mar dhìthein buaile dh'fhà s
Bheir siantanan na bliadhna sìos 's cha tog a' ghrian an-à ird.
Tha mise 'n seo 's mo shùil san iar on chrom a' ghrian 's an t-sà l
Mo bheannachd leig mi às a dèidh ged thrèig i mi cho trà th
Gun fhios am faic mi mà ireach i nuair dh'èireas i gu h-à rd
Is iomairt lann gu bhith ri chèil' nuair 's lèir dhuinn beul an latha.
Tha mise seo san fhà saich air sliabh a' bhlà ir 's mi leòint'
Cha Ghearmailteach a thà rr mi cuir saighead crà idh nam fheòil
Ach an gaol thug mi dhan mhà ldaig, dhan mhaighdeann à lainn òg
A-nochd chan fhaod mi à icheadh nach i chuir ceà rr mo dhòigh.
Mas e 's gu bheil e 'n dà n dhomh 's on bhlà r gun till mi beò
Is gu faic mi 'n t-à ite san deach ar n-à rach òg
An sin bidh crathadh là mhan ann is bilean blà th toirt phòg
'S mo ghealltanas bidh pà ighte dhut le fainne chur mud mheòir.
Ach ma thig an t-à m is anns an Fhraing gum faigh mi bà s,
'S san uaigh gun tèid mo shìneadh far 'eil na mìltean chà ch,
Mo bheannachd leis a' ghruagaich, a' chaileag uasal bhà n -
Gach là a dh'fhalbh gun uallach dhi, gun nà ire gruaidh na dhà il.
Oidhche mhath leat fhèin a ghaoil nad leabaidh chùbhraidh bhlà th
Cadal sà mhach air do shùil 's do dhùsgadh sunndach slà n
Tha mise 'n seo san trannsaidh fhuar 's nam chluasan fuaim a' bhà is
Gun dùil ri faighinn às le buaidh tha 'n cuan cho buan ri shnà mh.

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...
Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach
'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh as an robh ceòl agus òrain ...
Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas Greumach
'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghà idheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na ...
Fiosrachadh air Karen NicMhathain / Learn more about Karen NicMhathain
Rugadh Neilidh Fearghasdan aig Clachan a' Lùib an Uibhist a Tuath air 17 Faoilleach, 1938. Bhuineadh athair, Dòmhnall Alasdair Rob, dha na Fearghasdanaich a bh' ...
Fiosrachadh air Neilidh Fearghasdan / Learn more about Neilidh FearghasdanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.