
Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Ruadh Chorùna, air 9 Iuchar, 1887, ann am baile beag Chorùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Chaidh Corùna a thoirt air an à ite a chionns gu robh Dòmhnall MacFhearghais, sinn-seanair Dhòmhnaill, na shaighdear aig Blà r Chorùna san Spà inn ann an 1809. Tha e coltach gu robh a shinn-seanmhair, Mòr Chaimbeul às an Eilean Sgitheanach, cuideachd an là thair a' bhlà ir.
Bha bà rdachd as na daoine agus thòisich e fhèin ri bà rdachd nuair a bha e mu 13. Chaidh e do Sgoil Chà irinis ach cha do dh'ionnsaich e sgrìobhadh ann an Gà idhlig innte.
Nuair a bha e 17, chaidh e dhan Mhailisidh agus bha e ann an Rèiseamaid nan Camshronach nuair a thòisich An Cogadh Mòr. Chaidh iad a-null dhan Fhraing agus chaidh Dòmhnall a leòn aig an Somme ann an 1916 agus cha do thill e gu aghaidh a' bhlà ir an dèidh sin. Chuir e an còrr dhen chogadh seachad còmhla ris a' West Riding Field Regiment.
'S e cogadh, agus co ris a tha e coltach, cuspair grunn òrain leis, agus tha An Eala Bhà n gu h-à raidh measail aig seinneadairean agus luchd-èisteachd. Sgrìobh e an t-òran seo do Mhagaidh NicLeòid, Magaidh Dhòmhnaill Raghnaill Shaighdeir, à Loch nam Madadh:
Tha mise seo 's mo shùil an iar
On chrom a' ghrian san t-sà l;
Mo dhùrachd leig mi às a dèidh
Ged thrèig i mi cho trà th,
Gun fhios am faic mi mà ireach i
Nuair dhìreas i gu h-à rd
Is iomairt lann gu bhith ri chèil'
Nuair 's lèir dhuinn beul an là .
Tha 'n talamh lèir mun cuairt dhiom
Na mheallan suas 's na neòil
Aig na shells a' bualadh -
Cha lèir dhomh buan le ceò;
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a' ghunna mhòir
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeòid.
Aig aois 31, thill Dòmhnall Ruadh air ais a dh'Uibhist nuair a bha an cogadh seachad. Tha Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain, a sgrìobh sìos a' bhà rdachd aige, ag innse anns an ro-rà dh a sgrìobh e don chiad leabhar de bhà rdachd Dhòmhnaill Ruaidh (Dòmhnall Ruadh Chorùna, Gairm, Glaschu 1969):
"Ged a bha e taingeil a bheò a thoirt às an à raich, cleas iomadh saighdeir eile, fhuair e bristeadh dùil air a thilleadh. Bha am fearann air an d' fhuair na saighdearan gealltanas cho daingeann 's a bha e riamh ann an crùidhean nan uachdaran. Chan e mhà in gu robh còir aca air an fhearann ach bha còir aca air an iasgach 's air an t-sealg"
Ann an Òran na Seilge tha Dòmhnall Ruaidh a' cur fhaireachdainn là idir an cèill:
An t-sealg 's an t-iasgach bha sinne dìon dhaibh
Am measg fuil is crèadh ann an sliabh na Fraing,
Cha bhlais ar bial-ne air sgath gu sìorraidh -
Tha laghan dèante nach fhiach sinn ann:
Ach dha na h-uaislean a bh' air a' chluasaig
'S a' phlangaid shuarach 's i suas mun ceann
Bhiomaide 'n uair sin a-muigh aig uamhas
'S am peilear luaidhe mar cluais le srann.
Ach tha mi 'n dòchas gun cùmhnar beò dhinn
Na thogas tòrachd is còir nam beann
An uair thig na fiùrain lem briogais-ghlùine
Nach deach a-null air ar cùl dhan Fhraing;
'N uair thig iad dlùth dhut dèan caog-an-t-sùil riu'
'S ged bhiodh ann triùir dhiubh na crùb do cheann,
Oir 's mòr an tà mailt ma chluinn am bà rd e
Gun d' theich fear Gà idhlig air sgà th nan Gall.
Thug an cogadh agus mar a thachair às a dhèidh buaidh anabarrach air Dòmhnall Ruadh, mar a mhìnich a charaid, Fred MacAmhlaigh:
"Ma tha thu a' bruidhinn air a nà dar, duine air leth toilichte na chrannchur. Agus là n dhibhearsain, rabhd, spòrs. Chaill e tòrr dhe ri linn a' chogaidh agus thug e bliadhnaichean mòra, mòra, mus d' fhuair e an taobh sin de nà dar air ais."
Bha iasgach is sealg nam pà irt chudthromach de bheatha a' bhà ird agus tha an gaol a bha aige air an obair, agus an tlachd a bha e a' faighinn à s, ri fhaicinn uair is uair anns na h-òrain aige:
An èirigh grèine bu toigh leam
Goire coileach na fraoch-chirc.
Is mac an fhèidh a' chùil donnaich
Am Beinn na Coille nan caorach.
An uair bhiodh oidhcheannan reòtht' ann
'S ann leam bu bhòidheach a bhùirich.
A' toirt là mh air a' ghunna
Bhiodh an cuilean 's a shùil rium.
Beag air bheag chaidh aig Dòmhnall Ruadh air cosnadh a chruthachadh dha fhèin, mar a mhìnich Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain:
"Aig an à m seo thòisich Dòmhnall air ceà ird na clachaireachd air a cheann fhèin. Bha esan na dheagh chosnaiche 's na dheagh choisiche. Glè thric choisicheadh e fichead mìle chun na stall air am biodh taigh ùr ga thogail. Eadar an dà chogadh thog e còrr is deich air fhichead taigh croite agus cha mhòr gu bheil baile ann an Uibhist anns nach fhaicear grinneas a là imhe."
Ann an 1922, phòs e Anna NicDhòmhnaill, Anna Ruaraidh 'ic Nèill, agus bha dithis chloinne aca, Mà iri agus Calum.
An dèidh a' chogaidh, lean Dòmhnall air ri bà rdachd, a' moladh bòidhchead na dùthcha, gu tric a' toirt cunntas èibhinn air rudan a bha a' tachairt san sgìre, ach cuideachd a' gabhail beachd air rudan a bha tachairt san t-saoghal, mar an H-bomb:
Ach saoil sib' fhèin an ceadaich Dia e –
An sgrios chianail seo thighinn oirnne;
Ged as peacaich sinn na fhianais
Gheall E fialaidh dhuinn a thròcair.
Chruthaich E sinn fhèin na ìomhaigh
Is phà igh E ar fiachan mòra
Air a' chrann 's an lann na chliathaich
'S na tà irnean an fhreumh a mheòirean.
Cha b' e beatha fhurasta a bha aig Dòmhnall Ruadh an dòigh sam bith ach a dh'aindeoin sin tha uaisleachd an duine soilleir na bhà rdachd agus anns na h-òrain.
Anns an ro-rà dh a sgrìobh e don dà rna leabhar de bhà rdachd Dhòmhnaill Ruaidh (Dòmhnall Ruadh Chorùna, air fhoillseachadh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, 1995) thuirt Fred MacAmhlaigh, a dheasaich an leabhar, mu charaid:
"Chan e mhà in gu robh sùil gheur aige, ach bha tuigse agus breithneachadh aige air a shaoghal is air a cho-chreutair a bha tà ladh dhaoine chun na bà rdachd aige agus gan gluasad fhèin gu faireachdainn.
Bha uaill aige na dhualchas mar Ghà idheal, bha gaol aige dha chà nan, agus bha a fhreumhan domhainn ann am mìorbhailt na cruinne. Beatha ris an do thachair bròn agus cruaidh-chàs ach a thà inig riaraichte, toilichte gu crìch, gun fhiamh an eagail."
Chaochail Dòmhnall Ruadh Chorùna air 13 Lùnastal, 1967, agus chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.