Òran air a sgrìobhadh le: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) agus air a sheinn le: tormod coineagan.
This is a song written by: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) and sung by: tormod coineagan.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Tha duin' òg is seann duin' agam,
Tha duin' òg is seann duin' agam;
Nach robh 'n seann duin' air mo chùlaibh,
'S an duin' òg nas mùirnich agam!
Seann duin' mi o leasraidh Adhaimh
On do shìolaich mi thaobh nà dair,
Ach duin' òg tre Lèigh na slà inte
Shaor on bhàs mi tre ghràs naisgte.
Nach robh 'n seann duine na ghrà in dhomh
'S an duin' òg na ghrà dh nas fhaisge.
Dithis iad nach còrd an cà raid
Ged tha 'n-còmhnaidh san aon à ros,
Gus a leagar nuas am pà illean
Anns na ghabh iad tà mh mar chairteal.
'N seann duine gu carach lùbach
'S an duin' ùr toirt cùis gach gleachd deth.
Ged tha m' pheacadh dearg mar scà rlaid
Mar an corcair tre ro-dhà nachd,
Trusgan sgiamhach na mòr-shlà inte
'N là thair m' òig-fhear rinn mi maiseach:
Dh'fhà g an seann duin' tinn le plà igh mi
'S an duin' òg toirt slà int' air ais dhomh.
'S e 'n duin òg an treun-fhear glòrmhor
Do rèir m' fheum-sa bheir e treòir dhomh,
Seasar eadar mharbh is bheò leis
Bheir e lòn is sògh do m' altram:
An seana duin' gam bhual le dhòrnaibh,
'S an duin' òg le treòir ga chasg dhìom.
Is mòr mo chall le easbhaidh grà idh dha
Ged is tric a shaor on bhàs mi,
Toirt neart domh, eòlas, slà inte,
Mo Rìgh e, m' Fhà idh is mo Shagart;
'N seann duin' a' cur bac' air m' ùrnaigh
'S an duin' òg cur tùis air m' altair.
Tha mi dall 's mo fhradharc dùbailt,
Tinn 's mi slà n 's a ghnà th gam chiùrradh,
Sòlasach 's an-còmhnaidh tùrsach,
Gaoideil, grùideil is glan fallain:
'N seann duin' a' dalladh mo shùilean
'S an duin' òg toirt dhiubh nan lannan.
Foghlam faigh air brìgh mo chòmhraidh
Feuch gu reusanta 's gu còmhnard,
'S mur treabh thu m' à gh gu seòlta
Bidh mo thòimhseachan-s' ort falaicht.
Cuir an seann duin' uat gu h-ealamh,
Cuir an seann duin' uat gu h-ealamh,
FÃ s mun t-seann duin' caoin-shuarach,
'S bheir an t-òg dhut buaidh le caithream.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.