Òran air a sgrìobhadh le: an dotair iain mac a' chleirich agus air a sheinn le: anna m. nicGillìosa agus Seònaid NicGriogair.
This is a song written by: an dotair iain mac a' chleirich and sung by: anna m. nicGillìosa and Seònaid NicGriogair.
Till dhachaigh, till o Àilleagain,
Thoir leat mo thà mh 's mo shuain,
Oir chan eil aon dhiubh nis air sgeul
On dh'fhalbh thu fhèin Diluain.
Ach thuit nan à ite iargain mhòr
Mar oidhche dhuibh mun chruaich,
Nach falbh a chaoidh mur till thu, chiall,
Mar ghrian na maidne nuaidh.
On thriall thu bhuainn tha fann-ghuth gaoil
Mar fhaochaig taobh a' chuain,
A' dòrtadh mach à luinneig fhaoin
'S gam chlaoidh le caochladh duain;
A' cur nam chuimhne aoin a bha
Là n sòlais grà idh gach uair
E nis na aonaran gun stà th,
'S an t-Àilleagan fad bhuaith'.
Cha labhair sinn an sin nas mò,
Le bròn, mu sgaradh cruaidh,
Ach fuadaichear gach smuain den t-seòrs'
Air falbh mar cheò nan cruach.
'S gus an trèig an ceòl an sruth
'S an trèig a guth a' chuach
Chan fhaicear caochladh air ar grà dh,
Chaomh Àilleagain, mo luaidh.
Rugadh Seònaid NicGriogair ann an 1946. Bha a mà thair, Catrìona NicDhonnchaidh à Ealaghol as an Eilean Sgitheanach, air tighinn a theagasg dha na Hearadh, far ...
Fiosrachadh air Seònaid NicGriogair / Learn more about Seònaid NicGriogairCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.