Rugadh Seònaid NicGriogair ann an 1946. Bha a mà thair, Catrìona NicDhonnchaidh à Ealaghol as an Eilean Sgitheanach, air tighinn a theagasg dha na Hearadh, far na phòs i Ruaraidh Choinnich Chaimbeil, no Roddy Beag mar a b' fheà rr a dh'aithnichear e. Rinn iad an dachaigh ann an Roghadal. Tha Seònaid nas sine na a piuthar, Mairead, agus a brà thair, Coinneach nach maireann.
Chaidh Seònaid do Sgoil an t-Òib agus an uair sin do Sgoil an Tairbeairt airson dà bhliadhna. Thug i an uair sin ceithir bliadhna ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis mus deach i do dh'Oilthigh Ghlaschu a dhèanamh Gà idhlig agus Eachdraidh.
An dèidh ceumnachadh chaidh i do Colaiste Chnoc Iòrdain agus à sin a theagasg Gà idhlig agus Eachdraidh ann an Sgoil Allt a' Mhuilinn an Inbhir Nis. 'S i bha os cionn Roinn an Gà idhlig san sgoil gus an do leig i dhith a dreuchd ann an 2006.
Tha cuimhne aig Seònaid a bhith seinn leatha fhèin air aon de na consairtean ainmeil a bhiodh aig Sgoil an t-Òib mu à m na Nollaig, 's gun i ach air Clas 4. Bhiodh an teaghlach a' dol don t-Eilean Sgitheanach airson saor-là ithean an t-samhraidh gach bliadhna agus bha am fonn a chuala i fear à Sleite a' cluich air a' bhogsa air a h-aire an ghlacadh. Dh'ionnsaich i na facail aig Teann A-nall agus ghabh i e aig cuirm na Nollaig a' bhliadhna sin.
Bha Seònaid air a bhith aig mòdan ionadail ann a' Steòrnabhagh nuair a bha i san sgoil as na Hearadh ach b' ann an 1969 a chaidh i chun a' chiad Mhòd Nà iseanta, dhan Aghaidh Mhòir. Choisinn i am Bonn Òr ann an Obar Dheathain ann an 1976.
Bha là mh mhòr aig Seònaid, còmhla ri Mairead Laing, ann a bhith ag ath-nuadhachadh Còisir Ghà idhlig Inbhir Nis agus nochd a' chòisir ùr airson a' chiad turas aig Mòd Bhaile Ghobhainn ann an 1990. A bharrachd air a bhith a' seinn còmhla riutha tha Seònaid air a bhith an urra ris a' Ghà idhlig aca bhon uair sin.
Tha i pòsta aig Uilleam "Billy" MacGriogair à Inbhir Nis agus tha dithis chloinne aca, Catrìona agus Jamie a bha, gus o chionn ghoirid, a' stiùireadh Còisir Ghà idhlig Inbhir Nis.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.