Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Pà draig Grannd agus air a sheinn le: Calum Mà rtainn agus iseabail anna mhà rtainn.
This is a song written by: An t-Urr. Pà draig Grannd and sung by: Calum Mà rtainn and iseabail anna mhà rtainn.
'S i nighean Shioin is feà rr dheth, 's i fhuair am fà bhar mòr
A bhith tighinn a-nuas on fhà sach, is fear a grà idh na còir.
Chan iarrainn-s' tuilleadh fà bhair na greis an tìr nam beò,
Ach laigh' air uchd an t-Slà naighear, an t-à it' anns an robh Eòin.
Bhiodh am broilleach blà th sin gam à rach 's bhithinn beò,
Le neart nam briathran grà smhor, rin iarraidh b' fheà rr na 'n t-òr.
Bhiodh m' anam air a shà sach le pà irt den aran bheò,
Nuair gheibhinn bhith fo sgà il-san, an t-à it' anns an robh Eòin.
Cha b' eagal leam an trà th sin gach nà mhaid th' air mo thòir,
'S gum b' e do ghà irdean ghrà smhor mo neart 's mo shlà int' 's mo threòir.
Cha sgaradh beath' no bàs mi gu brà th o ghaol cho mòr
Bha cordon grà idh cho là idir, san à it' anns an robh Eòin.
Cha chuimhnichinn an trà th sin air sà rach gleann nan deòir,
Is trioblaidean na fà saich, cha bhiodh an-drà st' cho beò.
'S e 'n gaol nach gabhadh à icheadh, a bhiodh an-drà st' gam leòn,
Airson nach robh mi airidh air an à it' a bha aig Eòin.

Rugadh Calum Mà rtainn ann an Glaschu ann an 1953, mac le Catrìona Choinnich Amhlaigh à Breascleit agus Dòmhnall Chaluim Iain Chaluim Mà rtainn à Siadar Bharabhais. ...
Fiosrachadh air Calum Mà rtainn / Learn more about Calum Mà rtainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.