Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Niall Dòmhnallach (Niall a' Ghobha).
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Niall Dòmhnallach (Niall a' Ghobha).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
An t-aparan goirid 's e an t-aparan ùr
An t-aparan goirid nach ruig ach a' ghlùin
Nuair bha mi òg 's mi uile gun sunnd
'S e dh' fhà g mi fo bhròn an t-aparan ùr.
Mo cheist ort a Sheasaidh, 's tu 'n ainnir bha suairc
'S tu chumadh rid ghealladh 's a leanadh rid luaidh;
O b' aotrom do spiorad 's tu chinneadh nam buadh
Cha ghabhadh tu 'n giorag 's cha tilleadh ron stuaidh.
'S nuair fhuair an Eliza Miss Jessie air bòrd
'S ann orra bha sgoinn 's iad a' hois-adh na seòl;
Nuair fhuair i fo h-aodach 's muir sgaoilte fo sròin
Bha h-aigne cho aotrom ri faoileig air lòn.
'S tha iomadh fear cianail bhon thriall thu thar sà l,
Tha beannachd gach Crìosdaidh am bliadhna nad phà irt;
Bha mà is agus ciataibh a-riamh riut a' fà s,
Gu seinneadh tu 'm piana nas brèagha na cà ch.
Tha d' athair 's do mhà thair an trà th-sa fo leòn
Nach d' rinn iad dhut banais le aighear 's le ceòl
Ach tillidh tu fhathast a dh'Uibhist nam bò
Gum bi siùcar an glainnidh is todaidh ga òl.
Siud mar a bha an t-òran aig Niall Dòmhnallach ach bha ceathramhan a bharrachd aig an t-Urr. Uilleam MacMhathain.
Bha seòrsa de dhuin' ac' a-muigh air a' uaids
A' gleidheadh a' bhaile mun tig iad mun cuairt;
Cheangail iad a là mhan 's a chasan gu cruaidh
'S mun tà inig a' mhadainn gun lath iad le fuachd.
Thà inig Clann Dòmhnaill na leòmhainn bha garg
Luchd sheasamh na còrach dham b' òrdan là mh dhearg
Le spionnadh nan dòrnaibh gun chòmhradh gun arm
Bha Seasaidh gu spòrsail air bòrd aca falbh.
'S tu choisinn am biùthas dhan dùthaich a bh' ann
Cha ghabhadh tu 'n Cùbair, cha b' fhiù leat a chainnt;
Tha mis' ann an dùil gur tu bhiùtaidh gun mheang
Na faighinn mo dhùrachd bhiodh diùc leat air là imh.
Gum b' fheà rr a bhith 'm Barraigh nan d'aithnich mi 'n t-à m
Mun d' fhalbh thu led leannan a dhùthaich nan Gall
Gur mis' ann a dh'aithnich gun Seasaidh bhith ann
'S mi nach fhà gadh am baile gun ghlainne 's gun dram.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
Seo mar a dh'innis Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach à Uibhist a Tuath, a bha fad iomadh bliadhna ag obair aig Sgoil Eòlais an h-Alba, an stòiridh mun robh e air a leithid a rannsachadh a dhèanamh. 'S ann air Prògram Choinnich air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal a dh'innis e i:
"'S ann an ochd ceud dà fhichead 's a naoi, 's as a' bhliadhna bha sin chuir am Morair Dòmhnallach a bha ann a' Slèibhte, chuir e litir gu Ùisdean, Fear Mhogastad, a rà dh gu robh e air cluinntinn gur e gille comasach a bha ann a' fear de na mic aige, Dòmhnall Dòmhnallach, agus an còrdadh e ris a bhith na bhà illidh an Uibhist a Tuath. Bha fearann Uibhist a Tuath, a' mhòr-chuid dheth aig an à m sin, aig a' Mhorair Dhòmhnallach.
Bha Dòmhnall Dòmhnallach ro thoilichte seo a ghabhail. Chaidh e a dh'Uibhist agus an obair bu mhotha a bh' aige, 's ann a' togail na mà il ann an Uibhist a Tuath. Agus bha e a' fuireach ann an Taigh Bhaile Locha. Nis bha sin dìreach, o 's dòcha beagan mhìltean à Baile Raghnaill.
Well, aig an dearbh à m thachair gu robh an oighreachd aig a' Mhorair Dhòmhnallach, gu robh i ann an droch dhòigh le fiachan 's a leithid eile. Bha seo dìreach an dèidh bliadhna gaisidh a' bhuntà ta. Thachair sin dhà na trì bhliadhnaichean ron a' sin. 'S bha obair na ceilpe air a dhol bhuaidhe aig an aon à m.
Agus chaidh an oighreachd a chuir ann an là mhan, mar a chanas cuid urrasairean... mar a chanadh mo charaid Uilleam MacMhathain cileadairean, agus chaidh fear a chuir air ceann nan cileadairean a bha sin ris an canadh iad Pà draig Cooper. Agus 's e fear lagha taobh Obar Dheathain a bh' ann. Duine gu math beartach, tha e coltach, agus bha esan air ais 's air adhart eadar Uibhist agus An t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr.
Agus ghabh e fhèin agus Dòmhnall Dòmhnallach, mac Fir Mhogastad, ghabh an dithis aca gaol trom air Seasaidh, nighean Sheumais Ruaidh Bhaile Raghnaill, mar a chanadh iad am Beurla, James Thomas MacDonald. Agus bha an dithis aca an tòir oirre.
Fhuair an uair sin Cooper dòigh air Dòmhnall Dòmhnallach a chuir às an obair. 'S e bà illidh beag a chanadh iad ri Dòmhnall Dòmhnallach. Cha robh sin a' ciallachadh gu robh e beag na phearsa idir, ach 's e mar gum biodh am bà illidh ceart a bha air Uibhist aig an à m, 's e gu dearbha athair Seasaidh, Seumas Ruadh Bhaile Raghnaill. Agus 's e am bà illidh beag a chanadh iad ri Dòmhnall a thoireadh gur e, mar gum biodh, 's e fear a bha toir seachad taic a bh' ann.
Co-dhiù, thà inig litir bho Chooper gu Dòmhnall Dòmhnallach as t-fhoghar as an aon bhliadhna a rà dh ris gur e Cooper a bha gu bhith a' togail na mà il an Uibhist a Tuath às a dhèidh sin, 's gu sà bhaileadh seo tòrr airgead dhan Mhorair.
Co-dhiù cho fad 's a nì sinn a-mach, tha mi smaoineachadh gun do dh'fhan Dòmhnall Dòmhnallach na dheaghaidh sin am Baile Locha no co-dhiù bha e air ais 's air adhart eadar sin 's an t-Eilean Sgitheanach.
Agus tha e coltach gun do gheall Seumas Ruadh an nighean ri pòsadh do Chooper. Bha an duine beartach, 's bha 'd gu fada air a thaobh, tha e coltach.
Agus tha fhios againn gun do dh'iarr Cooper air Seasaidh a phòsadh agus dhiùlt i. Co-dhiù dhiùlt i muigh no mach aig an dearbh à m, chan eil fhios agam. Ach co-dhiù cha do ghabh i ris.
An ath rud air a bheil fios againn, 's e litir as a' Ghearran ann an ochd deug is a leth cheud o Sheasaidh gu Dòmhnall ag innse gu robh a h-athair air faighinn a-mach gu robh iad an dùil teiche còmhla agus ma bha iad a' dol a dhèanamh dad gu feumadh iad falbh an oidhche sin fhèin.
Nis thà inig an litir sin cho fad 's is fiosrach mi gu Dòmhnall Dòmhnallach ann am Baile Locha agus an oidhche sin fhèin thà inig e le gig mar a chanadh iad, dog-cart, agus paidhir each ann, an dara fear air toiseach air an each eile, ann an tandem mar a chanadh iad. Agus 's e fear a bha drà ibheadh, fear Raghnall Dòmhnallach a bha na sheirbheiseach aig Dòmhnall Dòmhnallach fhèin.
Thà inig iad a Bhaile Locha. Stad iad, tha e coltach, air an Druim Dhubh faisg air Baile Raghnaill. Dh'fhalbh Dòmhnall agus, tha e air a rà dh, chan eil seo as na pà ipearan ach tha e air a rà dh, gur ann a-mach air uinneig an Taigh Bhaile Raghnaill a thug iad i lair à radh.
Co-dhiù no co-dheth, chaidh iad dhan a' charaids aig an Druim Dhubh 's rinn iad air Loch na Madadh agus tha aonan dhe na stòiridhean ag innse gu... well, tha fhios againn gu robh Raghnall Dòmhnallach a' marcachd an eich a bh' air thoiseach. Bha 'd a rà dh gur e là ir bhuidhe le Dòmhnall Mhogastad fhèin a bha seo ach gur e each mòr, gur e thoroughbred a bh' as na trams. Agus gun do dh'fhàs an là ir bhuidhe, mus do rà inig iad Clachan a' Lùip, gun do dh'fhàs i cho sgìth 's gum b' fheudar a' toir às an tress. Agus bha iad a rà dh gur e uair agus cairteal a thug iad eadar an Druim Dubh agus Loch na Madadh. Cha chreid mi gur e an fhìrinn buileach a tha sin!
Co-dhiù rà inig iad Loch na Madadh agus chaidh iad air bòrd agus 's e soitheach a bh' ann ris an canadh iad an Eliza Macleod agus criutha Hearach innte agus a' sgiobair a bh' oirre 's ann leis a bha i, fear ris an canadh iad Dòmhnall Fìdhleir, Dòmhnall MacLeòid.
'S bha an oidhche cho dona. Chaidh iad air bòrd mu cheithir uairean sa mhadainn 's bha an oidhche cho dona 's nach d' fhuair iad air falbh o chidhe Loch na Madadh gu leth uair an dèidh seachd.
Agus dìreach goirid an dèidh sin bha teaghlach Bhaile Raghnaill air dùsgadh 's air a dhèanamh a-mach gu robh Seasaidh air tarraing.
Agus dh'fhalbh Fear Bhaile Raghnaill fhèin agus Cooper, agus tha mi a' smaoineachadh gur ann air eich a dh'fhalbh iad, agus ma tha an t-òran fìor dh'fhalbh Ailig Bhaile Raghnaill, brà thair Seasaidh, cuideachd. Ach mar tha an t-òran a rà dh, "Nuair a nochd iad ri na Madaidh, bha an Eliza a-mach fo brèid."
Bha i air an cuan a feir oirre agus nist bha Fear Bhaile Raghnaill agus Cooper a' smaoineachadh gun dèanadh iad an t-Eilean Sgitheanach dheth 's dh'fhalbh à san moch sa mhadainn a-rithist air pacaid na mailichean, a' dèanamh air Dùn Bheagain.
Ach 's ann a thà inig a' mhadainn cho fìor dhoirbh 's gur ann a b' fheudar dhan Eliza tionndadh agus ruith ron a' ghaoith agus 's ann air Tairbeart na Hearadh, 's ann a chaidh iad air tìr.
Nis dòigh air choireigin, bha fiosrachadh air tighinn a Thaigh Ròdail gu robh i air teiche. Feumaidh gun d' fhuair iad fios tarsainn gu math luath. Agus 's e fear a bha ann an Taigh Ròdail aig an à m, 's e brà thair do Sheumas Ruadh Bhaile Raghnaill a bh' ann agus 's e am bà illidh a bha air oighreachd na Hearadh, am bà illidh Dòmhnallach mar a chanadh iad ris as na Hearadh, agus bha fìor dhroch cliù aige fhèin thoireadh a bhith trom air na daoine.
Gu dearbha mar a bha aig Seumas Ruadh Bhaile Raghnaill agus aig Cooper ann an Uibhist a Tuath thoireadh na daoine fhuadach à Solas.
'S e an ath rud tha fhios againn air, 's gann a bha iad air tìr air an Tairbeart nuair a nochd brà thair a h-athar, am Bà illidh Dòmhnallach agus dh'fhalbhadh leatha an aghaidh a toil a Ròdal, agus cha robh aig a' Bhà illidh Bheag, Dòmhnall Dòmhnallach, ach dèanamh air a' chuan a-rithist agus tilleadh dhan Eilean Sgitheanach.
Co-dhiù bha Cooper agus Fear Bhaile Raghnaill aig an dearbh à m a' siubhal air feadh an Eilein Sgitheanaich, 's iad gun fhios aca gu robh ise air a dhol air tìr as na Hearadh agus chaidh an gnothach seo air adhart ged tha na stòireannan ag rà dh gur ann là rna-mhà ireach, cha b' ann. Chaidh an gnothach seo air adhart suas ri cola-deug.
Nis an ceann a' chola-deug bha cruinneachadh ann an taigh-seinnse Thaigh an Lòin san Eilean Sgiathanach, faisg air Mogastad. Agus bha dròbh math dhiubh cruinn, Sgitheanaich a' chuid bu mhotha dhiubh, 's aon fhear Leòdhasach agus aon fhear t-Hearach agus Dòmhnall Mhogastad agus mac brà thair athar.
Agus thà inig fios thuca gu robh Cooper an oidhche sin fhèin agus Fear Bhaile Raghnaill, gu robh fios aca dè bh' air tachairt, 's gu robh iad am Port Righ air a' rathad a Dhùn Bheagain 's gu robh iad a' falbh moch sa mhadainn a Ròdal.
Nist bha an èiginn ann, agus thachair gu robh bà ta eile, agus seo far a bheil a' mealladh air tòrr dhaoine. Bha dà bhà ta ann air an robh an Eliza agus an dara turas chan e am bà ta aig Dòmhnall Fìdhleir a bh' ann idir. Chan e an Eliza Macleod a bh' ann idir ach bà ta eile ris an canadh iad an Eliza Clow a bha le fear as an Eilean Sgitheanach.
Fhuair iad an Eliza Clow agus tharraing iad, 's bha trì duine deug as an sgioba, mar a thuirt mi, aon Hearach, aon Leòdhasach, ris an canadh iad Dòmhnall Leòdhasach, fear MacCoinnich, agus an còrr dhiubh 's e Sgitheanaich a bh' annta agus Dòmhnall Mhogastad fhèin.
Rà inig iad Ròdal mu cheithir uairean sa mhadainn a rithist. Fhuair iad fios aig a' Ghrèidheir, (feumaidh gu robh e air an taobh), gu robh Seasaidh car na prìosanach as an Taigh Mhòr, gu robh bean brà thair a h-athar a' cadal còmhla rithe ann an rùm ris an canadh iad an rùm dearg.
Tha sinn a' cluinntinn as an eachdraidh-bheòil gun do dh'fhà g searbhant a bha taobh aice ri Dòmhnall, gun do dh'fhà g i fosgailte an doras mòr. Co-dhiù, tha fhios againn gun d' fhuair Dòmhnall a-staigh. Chaidh e suas a staidhre, chaidh e chun an rùm dhearg agus dh'èigh e air Seasaidh.
Ach dhùisg bean brà thair a h-athar as spot agus dh'èigh i na creachan agus dh'èirich am Bà illidh Dòmhnallach e fhèin agus bha 'n èigheach air feadh an taighe, 's bha solais a' lasadh thall 's a bhos. Agus chaidh am Bà illidh sìos a' staidhre agus bha an dròbh dhaoine sin, na Sgitheanaich 's an criutha bha sin uile a' seasamh a-muigh is mhaoidh e orra gun cuireadh e an gunna riutha.
Thuirt e, tha e coltach, "Fhad 's a mhaireas fùdar is luaidhe bheir mis oirbh!"
Co-dhiù, tharraing iad air ais rud beag an uair sin 's cuimhnich gu robh Dòmhnall Dòmhnallach car na phrìosanach a-staigh aig an dearbh à m. Agus dh'fhalbh am Bà illidh Dòmhnallach agus thill e ann an ceann beagan mhionaidean le seachdnar no ochdnar dhe na seirbheisich, dhe na sgalagan. Chaidh iad a-staigh dhan taigh agus ann an tiotan nochd clèireach na h-oighreachd. Nochd e mach agus gunna aige, agus mhaoidh e orra. Agus an duine a bha seo, Dòmhnall MacCoinnich, Dòmhnall Leòdhasach, thuirt e, "Chunnaic sinn an gunna roimhe!"
Agus dh'fhalbh e fhèin is fear de na Sgitheanaich, Teà rlach MacFhionghain, agus a dh'aindeoin gu robh an gunna aig a' chlèireach, rug iad air agus thug iad dha strà c mhath man a' cheann le cuaille mòr bata, agus leag iad e agus thug iad bhuaidhe an gunna. Agus tha e coltach gu robh fhuil ga dhalladh.
An ath rud a chualas, 's e gu robh e ag èigheach "Murt! Murt!" 's fhuair e às na là mhan aca, 's theich e staigh.
Theich na seirbheisich uile a-staigh 's dhùineadh an doras agus an ceann tiotan chuir Dòmhnall a cheann a-mach air an uinneig shuas a' staidhre is dh'èigh e dha na gillean iad a bhith staigh, gu robh esan na phrìosanach a-staigh.
Bha cuid a rà dh gur e crann bà ta a fhuair iad, ach chuir iad an doras mòr co-dhiù a-staigh na spealgan agus thòisich sabaid a-staigh air a' staidhre le bataichean 's le dùirn, 's le brògan 's a h-uile rud a bh' ann.
Co-dhiù fhuair na gillean suas a' staidhre. Bhrist iad a-staigh dhan a' rùm dhearg. Bha Seasaidh dìreach deiseil a' cur oirre a h-aodaich an uair sin Bha caran de... mar a th' anns an òran:
Siud far an robh hùirle hà irle
Dìreadh 's a' teà rnadh na staidhr',
Bristeadh dhorsan, pronnadh ghlasan
Thug iad a-mach i neo'r thaing i.
Co-dhiù, bha bean an taighe, bean a' Bhà illidh ag èigheach nan creachan agus i ag èigheach "O an ainm Dhia, illean, na dèanaibh cron!" agus thuirt, tha mi smaoineachadh gur e Dòmhnall Leòdhasach a thuirt, "Cha dèan sinn cron ma gheibh sinn a' rud tha dhìth oirnn. Mur a faigh, bidh cuirp ann a' sheo a-nochd!"
Agus co-dhiù thug iad sìos a staidhre i, 's bha tuilleadh sabaid ann, is rug am Bà illidh air Seasaidh a' feuchainn ri cumail air ais, ach thug iad bhuaidhe i agus na fhianais-san thuirt a' chà raid òg ri chèile gu robh iad deònach a chèile a phòsadh. Agus 's e mar a thuirt iad, Justice of the Peace a bh' as a' Bhà illidh agus tha e coltach gun d' thuirt Dòmhnall Mhogastad gu seasadh seo an à ite pòsaidh oir gun d' thuirt iad seo air a bheulaibh. Chan eil fhios a bheil seo buileach fìor!
Ach thog iad sìos an cladach orra. Chuir iad Seasaidh air bòrd an Eliza Clow agus an uair sin 's ann a thill na seòid agus ghabh iad gu math dha na seirbheisich a-rithist le na bataichean 's le na dùirn.
'S bha e air a rà dh nach robh duine air oighreachd Ròdail a bha comasach air car a dhèanamh là rna-mhà ireach leis an dìol a rinn na Sgitheanaich orra. Co-dhiù tha sin fìor no nach eil.
Co-dhiù, fhuair iad tarsainn a' Chuain Sgìth. Chuir iad a-staigh aig Cill Mo Luag dìreach airson tiotan. Leig iad às pà irt dhen a' sgioba ann a' shin. Rinn iad an uair sin air Geà rrloch. Às a' sin chaidh a' chà raid òg a Dhùn Èideann, cuid ag rà dh gun deach iad a Ghretna 's gun do phòs iad a' sin an toiseach aig a' ghobha, 's gun do thill iad a Dhùn Èideann. A' rud tha fhios againn air gun do phòs iad an Dùn Èideann as an Eaglais Ghà idhealaich ann a' shin agus tha na stòiridhean ag innse gun deach iad as a' spot a-null a dh'Astrà ilia.
Cha deach. Bha iad grunn mhìosan an Alba. Bha cùirt an Inbhir Nis mun ghnothach. Bha esan air a thoirt suas seach gun bhrist e a-staigh a Thaigh Ròdail agus dithis dhe na fir, Teà rlach MacFhionghain às an Eilean Sgitheanach agus Dòmhnall Leòdhasach. 'S ann deireadh an t-samhraidh no toiseach an fhoghair, 's ann a bha a' chùirt ann...
Bha Cooper is iad sin na fianaisean air a' chùirt ach gu math fortanach do Dhòmhnall chòrd an fhianais aigesan na b' fheà rr ris an jury na chòrd an fhianais aig Cooper 's aig cà ch. 'S thugadh Seasaidh fhèin a-staigh dhan a' bhogsa, 's ged nach d' thuirt i guth, bha daoine cho fada air a taobh agus cha tug an jury ach 10 mionaidean air an gnothach a chuir ma sgaoil buileach agus bha saorsa aca.
Tha e coltach gun do lean dròbh mòr de mhuinntir Inbhir Nis as an dèidh, is iad ag èigheach 's a cheeradh 's chaidh iad a thaigh fear Stiùbhartach, a' fear lagha bh' aca, 's chaidh an dròbh a bha seo timcheall an taighe 's bha 'd fad ùine ann a' shin a' dèanamh fuaim 's ag èigheach.
Nise 's docha gu robh bliadhna na dhà as a dhèidh sin mun deach iad a dh'Astrà ilia. 'S bha taca aca ann a' shin agus bha teaghlach aca agus tha fhios againn gu robh Seasaidh beò gu 18 96 agus bhà saich i ann a' Hartfield, faisg air Melbourne.
Bha esan air bà sachadh beagan bhliadhnaichean ron a sin."
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha òraid, the Balranald Elopement, a thug Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach do Chomunn Gà idhlig Inbhir Nis ri lorg anns na Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. LVI (1988-1990) agus tè eile Songs of the Balranald Elopement anns na Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. LVII (1990-1992).

'S ann an Grèinetobht, ann a' Solas, Uibhist a Tuath, a rugadh Niall Dòmhnallach, Niall a' Ghobha (1882-1964) agus chun an latha an-diugh canar Taigh ...
Fiosrachadh air Niall Dòmhnallach (Niall a' Ghobha) / Learn more about Niall Dòmhnallach (Niall a' Ghobha)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.