
'S ann an Grèinetobht, ann a' Solas, Uibhist a Tuath, a rugadh Niall Dòmhnallach, Niall a' Ghobha (1882-1964) agus chun an latha an-diugh canar Taigh a' Ghobha ris an dachaigh far an robh a' cheà rdach aig athair. Bhuineadh cuideachd athair, Aonghas, do Phaibil agus cuideachd a mhà thar, Mà iri Aonghais Chaluim, do Hòrasaraidh. Bha seachdnar ghillean agus aon nighean anns an teaghlach.
Dh'ionnsaich Niall ceà ird na tà illearachd bho Aonghas °Õà ¾±±ô±ô±ð²¹°ù Dòmhnallach, a bha cà irdeach dhan teaghlach, ann a' Loch Euphort.
An dèidh sin bha e ag obair ann an Inbhir Nis agus an Glaschu.
Chaidh Niall a leòn air an Somme aig à m a' Chogaidh Mhòir agus chaill e trì òrdagan. Cha b' urrainn dhà a cheà ird a leantainn às dèidh sin agus thill e dhachaigh a dh'Uibhist còmhla ri athair agus ri mhà thar.
Bha e ri croitearachd an uair sin, a' cumail beagan chruidh is chaorach. Sgrìobh e an t-òran 'Blà r Arras' mu dheidhinn na dh'fhuiling daoine aig à m a' Chogaidh Mhòir.
'S iomadh athair fo leòn agus mà thair fo bhròn
Piuthar 's na deòir iad ga fà gail
Cha tiormaich an sùil gus an tèid iad don ùir
'S gach tè dhuibh ag ionndrainn am brà thair.
Sgrìobh e òran eile mun chogadh ach feumaidh gun robh e a' toirt gu chuimhne gnothaichean a bha cho uamhasach oillteil 's nach gabhadh e an t-òran idir. Cho math ri bhith a' seinn òrain aig bainnsean is cuirmean bhiodh Niall a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais na h-Alba ann a' Solas.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.