Òran air a sgrìobhadh le: Seumas Dòmhnallach agus air a sheinn le: Anna NicIllEathain.
This is a song written by: Seumas Dòmhnallach and sung by: Anna NicIllEathain.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
An t-eilean à lainn san Linne Mharbhairnich,
San d'fhuair mi m' à rach nuair bha mi òg -
Nach tric mi smaointeachadh ort am aonar
Gun toir mi grà dh dhuit gach là rim bheò.
Nuair dh'èireas grian air sa mhadainn shamhraidh
Gur iad do chlann-sa bu mhiann bhith ann,
Ach tha iad sgaoilte air feadh an t-saoghail
'S chan eil ach caoraich ri taobh nan allt.
Tha 'n còinneach fà sach a' cinntinn nà dar
'S chan fhaic thu là rach nan daoine ciùin;
Le fuadach 's bà irlinn chaidh 'n cur thar sà ile,
'S an t-à l a dh'fhà g iad, cha till iad ruinn.
Na cluaintean à lainn a dh'fheum iad fhà gail
A' dol nam fà sach, gun bhò, gun chloinn,
'S na dailtean prìseil a threabh an sinnsear
Chan fhaic thu nì annt' ach luachair dhonn.
Bha daoine cà irdeil san eilean à ghmhor,
A chuireadh fà ilte oirnn nuair bha sinn òg:
'S e dhèanadh feum dhuinn a dhol air chèilidh,
A dh'èisteachd sgeulachd nan daoine còir.
O seinn mun dealbh seo, a chlann nan GÃ idheal,
Lios Mòr na h-Alba, fo dhìon nam beann;
'S ged dh'fhà g sibh 'n t-à ite, na caill bhur cà nan,
'S gum bruidhinn sibh GÃ idhlig ma thig sibh ann.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha na h-òrain aig Seumas agus a chà irdean, le fiosrachadh mu na bà ird agus am beatha, anns an leabhar a sgrìobh Maighread Dhòmhnallach Lobban, nighean Sheumais, Lachann Dubh a' Chrògain, Bards of Mull and Lismore. Chaidh fhoillseachadh le The New Iona Press ann an 2004.

Rugadh Anna NicIllEathain (Draper) anns an t-Sà ilean, Muile. Chaidh i dhan sgoil aig Aiseag Ulbha, an dèidh sin an Tobar Mhoire agus mu dheireadh a ...
Fiosrachadh air Anna NicIllEathain / Learn more about Anna NicIllEathainÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.