
Rugadh Anna NicIllEathain (Draper) anns an t-Sà ilean, Muile. Chaidh i dhan sgoil aig Aiseag Ulbha, an dèidh sin an Tobar Mhoire agus mu dheireadh a dh'Àrd-sgoil an Òbain.
'S i bu shine dhan teaghlach agus bha triùir pheathraichean agus triùir bhrà ithrean aice. Bha an teaghlach a' fuireach ann an Taighean Achadh an Rainich aig Aiseag Ulbha. B' i Anna NicGillìosa à Tobar Mhoire a mà thair agus b' e Ailean 'Ruadh' MacIllEathain a h-athair. Bha Ailean Ruadh na iasgair ghiomach agus na sgiobair air an Annie Jane, bà ta a bha aig am Mà idsear Èideard Compton à Tòrrloisgt.
Bha Anna anns na WRENS tron chogadh, an toiseach stèidhichte anns an Òban far an do choinnich i ris an duine aice, Marshall, aig consart far a robh ise a' seinn agus far an robh esan a' cluich na fìdhle. Phòs iad an an 1942 agus bha dithis mhac aca, Fulton agus Ailean.
'S ann à Cill Mheà rnaig a bha Marshall agus bha e ag obair aig Oifig a' Phuist. An dèidh a' chogaidh bha iad a' fuireach ann an Caol Loch Aillse agus anns a' Phloc.
An uair a fhuair Marshall à rdachadh na dhreuchd, chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Obar Dheathain.
Chaidh Anna chun a' Mhòd Nà iseanta airson a' chiad uair ann an 1935 agus choisinn i Bonn Airgid nan clann-nighinn, an duais a b' à irde airson fileantaich. Nuair a bha i ann an sgoil an Òbain b' e Dòmhnall MacThòmais, a chuir seachad a bheatha ag obair às leth na Gà idhlig agus am Mòd, a bha aice mar fhear-teagaisg.
Choisinn i am Bonn Òr aig a' Mhòd Nà iseanta ann an 1949 agus, mar a bha tachairt aig an à m sin, chaidh i air chuairt tro bhailtean na Gà idhealtachd a' seinn ann an iomadh coimhearsnachd. Bha i cuideachd a' seinn ann an Copenhagen, Èirinn agus anns a' Bhreatainn Bhig.
Bha e a' toirt tlachd anabarrach dhi a bhith a' seinn ann an ann a Glaschu air sgà th agus cho math 's a bha an à rainneachd ann airson ceòl.
Bha Anna na ball den Chomunn Ghà idhealaich airson leth-cheud bliadhna. Mar Iar Neach-cathrach air Comataidh-Ciùil a' Mhòid, rinn i fhèin agus Marshall obair mhòr ag ullachadh òrain airson co-fharpaisean. Bho 1995 gu 1999, bliadhnaichean a bha riaslach dhan Chomunn, bha i na Ceann-Suidhe air a' bhuidheann.
Fhuair i urram M.B.E. ann an 2000 airson na rinn i air sgà th na Gà idhlig agus am Mòd Nà iseanta Rìoghail. Bhiodh i cuideachd a' teagasg Gà idhlig ann an Oilthigh Obar Dheathain.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.