Òran air a sgrìobhadh le: An t-Oll. Urr. Nigel MacNèill agus air a sheinn le: còisir à rd-sgoil phort rìgh agus Donella NicLeòid.
This is a song written by: An t-Oll. Urr. Nigel MacNèill and sung by: còisir à rd-sgoil phort rìgh and Donella NicLeòid.
'S e 'n t-eilean uain' Ìleach tìr bhòidheach mo ghrà idh,
'S e an t-eilean uain' Ìleach as feà rr leam gu brà th;
A dhoireachan fasgach, 's a mhachraichean rèidh
Cha dìochuimhnich mi chaoidh iad ge b' e à ite dhan tèid.
Ri soillse an latha tha mi coimhead a' chuain
A dh'fhaicinn na trà ghad is tlachdmhoire fuaim,
Nan gleanntan glas fà smhor tha 'g à rach na sprèidh,
San cluinnear sa mhadainn ceòl à ghmhor nan eun.
Ged tha mi air astar mo thlachd dhiot cha chrìon
Ach tillidh mi fhathast a dh'amharc do thìr
A dh'fhaicinn nan à itean sam b' à bhaist dhomh bhi
Measg ghillean a' bhaile ri aighear gun sgìos.
Ged tha mi fad às tha mo ghaol dhut gun sgìos
'S thèid mi fhathast thar mara a dh'fhaicinn do thìr;
A dh'fhaicinn an rèidhlein a dh'fhà g mi 's mi òg,
A ghlacadh mo chà irdean gu caidreadh le pòig.
'S e an t-eilean uain' Ìleach tìr bhòidheach mo ghrà idh,
'S e an t-eilean uain' Ìleach as fheà rr leam gu brà th;
'S e cuspair mo bhruadair nach fuadaich an latha
'S cha leig mi às m' aire gus an laigh mi sa bhà s.
Rugadh Donella NicLeòid ann an Steòrnabhagh air 3 Dà mhair, 1963. Ged a bha dachaigh an teaghlaich ann an Glaschu aig an à m, thill a mà thair, ...
Fiosrachadh air Donella NicLeòid / Learn more about Donella NicLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.