Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacAoidh agus air a sheinn le: Donnie Murdo MacLeòid.
This is a song written by: Iain MacAoidh and sung by: Donnie Murdo MacLeòid.
'S e sud an tèarnadh mìorbhaileach,
rinn ÃŒosa Mac na h-Ã’igh,
air daoinibh naimdheil, mì-rùnach,
leig 'iomhaigh dhiubh de'n deòin;
Is ghabh E nà dar fìor-ghlan air,
gu dìoladh anns an fheòil,
is dh'fhulaing E 'm bàs piantachail,
mar chrìochnaich E o thòs.
Gach aon nì rinn ar Slà nuighear,
bu chà irdeas e dheth fhèin,
gun neach air bith bhith toilltinneach,
air oighreachd fo na ghrèin;
Ach comhairle ghlic na Trianaid,
's a chriochnaich i do rèir,
mun d'rinn E 'n talamh iochdarach,
neo iarmailtean nan speur.
Na flaitheanas is à irde dhiubh,
leis rinneadh iad air thòs,
dachaigh naomh is aingle,
sam bheil aoibhneas agus ceòl;
Is rinneadh solas à illidh leis,
mar chà irdeas do gach feòil,
mar dh'òrduicheadh leis seasaidh e,
's b' e am feasgar an ceud nòin.
An iarmailt à rd bhuan sheasmhach sin,
leis rinneadh i na thrà th,
ris an gairmear flaitheanas,
far an cheil tathachadh gach neul;
A rinn gach uisge dhealachadh,
nan suidheachadh gu tà mh,
thug à ithne dhoibh mar stadadh iad,
's b' e mhadainn 'n dara là .
Leis chruinnicheadh na h-uisgeachan,
a chlisgeadh a dh'aon à it',
an fhairge bhuan ro fharsaing, is
mun cuairt dhi 'n glas a' fà s;
Rinneadh sud san saoghal leis,
's gach craobh tha tighinn fo bhlà th,
's gach aon luibh ghlas mar th' againn seo,
's b' e mhadainn an treas là .
Rinnneadh grian is gealach leis,
gu sgarachdainn nan trà th,
is reultan glan nan cùrsachan
b' E is ùghdar gach nì bha;
Rinneadh mìos is seachdain leis,
is bliadhnan ceart mar b' Ã ill,
is là ithean, is oidhche a dh'òrdaich E,
's b' e nòin an ceathramh là .
Rinn E gach ainmhidh gluasadach,
th'air an cumail suas air tìr,
's na cluaintibh ann an lìonmhaireachd,
's an uaiths' tha 'n teachd-an-tìr;
Rinneadh iasg nan cuantan leis,
mar bhiadh dha'n t-sluagh gun dìth,
Is eunlaith rèir an nà dair-san
's b' e an còigeamh là an tìm.
Rinneadh duine calamand leis,
de dhus na talmhainn fhèin,
is rinn E sona sealbhach e,
nam falbhadh e do rèir,
Thug E comas cinnteach dha, air
gach nì tha fo'n ghrèin,
Is shuidhich E 'n lios Phà rrais e,
's an t-siathamh là gun bhreug.
B'fhurasda dhan Tì ro ghlòrmhor ud,
ri mòmaint bhig de thìm,
gach aon nì rinn e òrdachadh,
thoirt còmhladh leis gu crìch;
Ach sann a ghabh E'n tìm ud ris,
chum fìrinn chuir an cèill,
an seachdamh là do shaoradh leis,
na Shà baid naomh dha fhèin.
Tha gach creutair tà mh san t-suidheachadh,
san d'rinneadh iad an tòs,
a' cuir an cèill an taingealachd,
a-rèir an cainnt san dòigh;
Ach an duine meallta seo,
sann shanntaich e le 'dheòin,
nì thilg a-mach à Pà rrais e
's on fhà bhar bh'aig' an glòir.
Is shuidhicheadh 'n lios Phà rrais e,
gu h-à iteach is gu dìon,
is rinn E 'n tòs ri Adhamh'n sin,
an cumhnant à raidh gnìomh;
Is gheall E beath' is fà bhar dha,
is flaitheas à rd gun fhiamh,
mar tarraingear bristeadh bà smhor e,
gus mheas a chnà mh le miann.
An sin nuair a thà inig Sà tan,
a dh'fhios na mnà le foill,
am broinn nan nathrach-nimhneach ud,
na shampuillear bochd lom;
Is chreid iad cainnt a' chealgadair,
le argumaid gun bhonn,
nì tharraing fo phian bhà smhorach,
iad fhèin gu brà th 's an cloinn.
Nach daor an ceannach ailghios e,
gu brà th bhith fulaing pèin,
san teine bhios gun fhà illigeadh,
's nach teirig cnà mh na bèisd;
Sin cor nan daoine nà durrach,
a dh'aicheun fà bhar Dhè,
nach fhaicear am Fear-saoraidh leò-s'
da fhocal naomh nach d'ghèill.
Is sinn a chleachd an t-antalachd,
am peacadh sanntach truagh,
o d' shlighibh-sa tha sleamhnachadh,
le cridhe meallta cruaidh;
'S ann dhuinn bu mhithich tionndadh,
's gu bheil lighich ann ri luaidh,
a bheir gu coileant' slà inte dhuinn,
mun tig am bàs le bhuaidh.
Nuair chunnaic 'n Tì ro ghlòrmhor sin,
mòr thròcaireach do bhi,
a chuimhnich air an t-seòrsa ud,
a dh'òrdaich E ro thìm;
Rinn E an cùmhnant grà san riutha,
mòr chliù gu brà th don Tì
gum fulaingeadh Crìosd an Slà naighear,
am bàs airson na sìth.
Is iomadh gealladh fìrinneach,
tha 'm Bìoball cuir an cèill,
Rinn Dia o dhoimhn' na tìoma ud,
dha mhuinntir dìleas fhèin;
Thoirt misneachd agus sòlas dhoibh,
is còmhnaidh ri am feum,
nuair thigeadh drachdan 'n nà mhaid orr',
neo neart o'n nà dar fhèin.
Gheall e 'n cridhe feòla dhoibh,
gu leòn a chridhe chruaidh,
's an cionta bha dearg mar sgà rlaid,
gun dèant' iad bà n mar chlòimh;
'S gum maitht' am peac' ro ghrà ineil-san
le feartan bàs an Uain,
ged bu lìonmhor mòr ri 'n à ireamh iad,
na gaineamh bhà n a' chuain.
Bithidh E na Dhia 's na nearta,
do gach neach tha'g iarraidh 'ghnùis,
's an t-à m a bhuaileas èiginn iad,
bithidh èis ac' air an cùl;
Gheall E an t-uisge fìor-ghlan dhoibh,
's nach iotadh iad nas motha,
is mil is bainne dh'Ã raicheadh
le sloinneadh grà is as ùr.
Bithidh easbhaidh air na leòmhannaibh,
is dòrainn a' chion bidhe,
's na leòmhainn òg là n ocarais,
ge mòr an neart 's an clìth;
Ach iad-san a chaidh soillseachadh,
is iompachadh gu fìor,
cha tig easbhaidh thalmhaidh orr',
's am feasd gheibh 'n anama sìth.
Is beanaicht' anns an t-saoghal iad,
na daoine dha 'n tug E 'n ciall,
le fhocal naomh 's le òrduighibh,
chaomh thròcair tha gan dìon;
An tìm am beath' bithidh sòlas aca',
's iad feitheamh fòs ri triall,
a dh'ionnsaidh 'n ionad ghlòrmhor sin,
's am bheil ceòl gun chrìoch.
Is mairg na daoine mì-rùnach,
rinn ìomhaidh dhe na bhreug,
is nach creid anns an Tì naomh ud,
bheir lìbhrigeadh o phèin;
'S an lughad 's bheir an saoghal dhoibh,
de shaorsainn ann am feum,
nuair thig an teachdair' uamhasach,
gun toirt gu uaigh is eug.
Nan creideadh luchd na h-eucoireach,
gur èiginn dhoibh dol bà s,
is cunntas thoirt às dèidh seo,
gu grunnd am feich gun dà il;
Gach aon nì riamh a ghnìomhaich iad,
ged bu dìomhair e o chà ch,
gum bithidh iad air an soillseachadh,
's a chroinneadh leotha gu brà th.
Tha 'n Tighearn' treun ro fhà bharach,
rèir fhaidheadrachd o thòs,
a cheil na nithe dìomhair ud,
air daoinibh crìonta seòilt;
Rinn aithnichte' iad do chìochranaibh,
gun fhiachan air ach deòin,
mòr chliù do ainm ro ghrà smhor-san
dham buin gu brà th a ghlòir.

Thogadh Donnie Murdo MacLeòid ann a' Steòrnabhagh le Gà idhlig mar chiad chà nan, rud nach robh cho à bhaisteach am measg a ...
Fiosrachadh air Donnie Murdo MacLeòid / Learn more about Donnie Murdo MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.