Tha ceithir dà in spioradail le Iain MacAoidh rin lorg anns an leabhar Metrical Reliques of "The Men" in the Highlands, Or, Sacred Poetry of the North, laoidhean agus dà in spioradail a chruinnich Iain Rose agus a chaidh fhoillseachadh an Inbhir Nis sa bhliadhna 1851. A bharrachd air An Teà rnadh Miorbhaileach, tha 'Cairdeas na Trionaid', 'Adhamh agus Eubha' agus 'Ceannach na h-Ailghios' ann.
Tha Iain Rose ag innse gun do rugadh MacAoidh ann am Mùdal, an Cataibh, uaireigin mun bhliadhna 1690. Chante Iain mac Iain mhic Raibeart mhic Mhurchaidh ris.
A rèir aithris Rose, chaidh An Teà rnadh Miorbhaileach a dhèanamh le MacAoidh air oidhche bhrèagha gealaich, aig à m buana, 's e san achadh a-muigh, na laighe air a dhruim a' coimhead suas dhan adhar, a' beachdachadh air na reultan.
Tha e coltach gun d' thug na dà in aig MacAoidh buaidh air Dùghall Bochanan. An deidh bliadhna Theà rlaich, ann an 1746, bha saighdearan à Mailisi Chataibh suidhichte an Dùn Chailleann. Chaidh dusan dhiubh a chuir a dh'ionnsaigh Raithneach is chaidh iadsan a dh'èisteachd ri Dùghall Bochanan a' teagasg. Bha dithis aca, Anndra agus Alasdair Ros, a dh'fhàs dlùth an cà irdeas ri Bochanan agus bhiodh iad ag aithris dà in MhicAoidh dha.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.