Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Bà illidh agus air a sheinn le: Seumas C. M. Caimbeul.
This is a song written by: Dòmhnall Bà illidh and sung by: Seumas C. M. Caimbeul.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hò 'n ceà rd dubh, hè 'n ceà rd dubh;
Hò 'n ceà rd dubh dhaor am fearann.
Chunnaic mise bruadar,
'S cha b' fhuathach leam fhaicinn fhathast,
'S nam faicinn e 'nam dhùsgadh,
Bu shùgradh dhomh e rim latha.
Teine mòr an òrdagh
Is Roy 'na theis-mheadhoin,
Young bhith ann am prìosan,
'S an t-iarann mu chnà mhan Shellair.
Tha Sellar an Cùl-Mhà illidh
Air fhà gail mar mhadadh-allaidh,
A' glacadh is a' sà radh
Gach aon nì thig na charaibh.
Tha shròn mar choltar iarainn
No fiacail na muice bioraich;
Tha ceann liath mar ròn air
Is bòdhan mar asal fhireann.
Tha rugaid mar chòrr-riabhaich
Is ìomhaigh air nach eil tairis,
Is casan fada liadhach
Mar shiaman de shlataibh mara.
'S truagh nach robh thu 'm prìosan
Rè bhliadhnan air uisg' is aran,
Is cearcall cruaidh de dh' iarann
Mud shliasaid gu là idir daingeann.
Nam faighinn-s' air an raon thu
Is daoine bhith gad cheangal,
Bheirinn le mo dhòrnaibh
Trì òirlich a-mach dhed sgamhan.
Chaidh thu fhèin 's do phà irtidh
An à irde gu brà ighe Rosail,
Is chuir thu taigh do bhrà thar
'Na smà laibh a-suas 'na lasair.
Nuair a thig am bàs ort,
Cha chà irear thu anns an talamh,
Ach bidh do charcais thodharail
Mar òtrach air aodann achaidh.
Bha Sellar agus Roy
Air an treòrachadh leis an Deamhan
Nuair dh' òrdaich iad an compaist
'S an t-slabhraidh chur air an fhearann.
Bha 'n Simpsonach 'na chù
Mar bu dùthchasach don mharaich',
Seacaid ghorm à bùth air,
'S triùbhsair de dh' aodach tana.
'S i pacaid dhubh an ùillidh
A ghiùlain iad chum an fhearainn-s',
Ach chìthear fhathast bà itht' iad
Air trà illeach an cladach Bhanaibh.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
Anns an leabhar The Trial of Patrick Sellar (Routledge and Kegan Paul, Lunnainn, 1962) tha Iain Grimble ag rà dh gu bheil e coltach gun deach an t-òran a sgrìobhadh le fear Dòmhnall Bà illidh goirid an dèidh na cùirt lagha aig Pà draig Sellar ann an Inbhir Nis air 23 Giblean, 1816.
Am measg na bhathas a' cur às leth Shellair, a bha na iar-bhà illidh aig Ban-iarla Chataibh, bha gun do chuir e fhèin agus cuideachd leis teine ri taigh Uilleim Shiosail ann an Rosal ann an Srath Nà bhair, san Ògmhios 1814. Bha Uilleam Siosal a' cumail a-mach gu robh a mhà thair, a bha sean agus air an leabaidh, as an taigh aig an à m a las iad an teine. Ged a chaidh aca air a toirt a-mach gu fasgadh ann am bà thaich, chaochail i còig là ithean às dèidh sin. Mar tha an t-òran ga chuir:
Chaidh thu fhèin 's do phà irtidh
An à irde gu brà ighe Rosail,
Is chuir thu taigh do bhrà thar
'Na smà laibh a-suas 'na lasair.
B' ann à Siorrachd Mhoireibh a bha am fear-lagha, Sellar, agus thà inig e fhèin agus Uilleam Young a Chataibh ann an 1808 a dh'obair dhan Bhan-Iarla. Bha là mh mhòr aca anns na planaichean a dh'adhbharaich gun deach mòran sluaigh a ghluasad far fearann na h-oighreachd.
Ghabh iad nan dithis tuathanas chaorach ann an Cùl Mhà illidh, faisg air Goillspidh, agus sgiùrs iad na daoine far an fhearainn sin cuideachd.
Tha Sellar an Cùl-Mhà illidh
Air fhà gail mar mhadadh-allaidh,
A' glacadh is a' sà radh
Gach aon nì thig na charaibh.
Ged nach d' fhuaireadh Sellar ciontach as a' chùirt de na casaidean a bha na aghaidh, chan eil teagamh nach eil a dhroch chliù maireannach am measg nan Gaidheal mar dhuine a bha na mheadhan air daoine fhuadach as an dachaighean, tric le là mhachas-là idir, ged nach eil a h-uile eòlaiche eachdraidh ag aontachadh ris a' bharail seo.

Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...
Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. CaimbeulCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.