Anns an leabhar The Trial of Patrick Sellar (Routledge and Kegan Paul, Lunnainn, 1962) tha Iain Grimble ag rà dh gu bheil e coltach gun deach an t-òran Aoir air Pà draig Sellar a sgrìobhadh le fear Dòmhnall Bà illidh goirid an dèidh na cùirt lagha aig Pà draig Sellar ann an Inbhir Nis air 23 Giblean, 1816.
Am measg na bhathas a' cur às leth Shellair, a bha na iar-bhà illidh aig Ban-Iarla Chataibh, bha gun do chuir e fhèin agus cuideachd leis teine ri taigh Uilleim Shiosail ann an Rosal ann an Srath Nà bhair san Ògmhios, 1814. Bha Uilleam Siosal a' cumail a-mach gu robh a mhà thair, a bha sean agus air an leabaidh, as an taigh aig an à m a las iad an teine. Ged a chaidh aca air a toirt a-mach gu fasgadh ann am bà thaich, chaochail i còig là ithean às dèidh sin. Mar tha an t-òran ga chuir:
Chaidh thu fhèin 's do phà irtidh
An à irde gu brà ighe Rosail,
Is chuir thu taigh do bhrà thair
Na smà laibh a-suas na lasair.
B' ann à Siorrachd Mhoireibh a bha am fear-lagha, Sellar, agus thà inig e fhèin agus Uilleam Young a Chataibh ann an 1808 a dh'obair dhan Bhan-Iarla. Bha là mh mhòr aca anns na planaichean a dh'adhbharaich gun deach mòran sluagh a ghluasad far fearann na h-oighreachd.
Ghabh iad nan dithis tuathanas chaorach ann an Cùl Mhà illidh, faisg air Goillspidh, agus sgiùrs iad na daoine far an fhearainn sin cuideachd.
Tha Sellar an Cùl-Mhà illidh
Air fhà gail mar mhadadh-allaidh,
A' glacadh is a' sà radh
Gach aon nì thig na charaibh.
Ged nach d' fhuaireadh Sellar ciontach as a' chùirt de na casaidean a bha na aghaidh, chan eil teagamh nach eil a dhroch chliù maireannach am measg nan Gà idheal mar dhuine a bha na mheadhan air daoine fhuadach às an dachaighean, tric le là mhachas-là idir, ged nach eil a h-uile eòlaiche eachdraidh ag aontachadh ris a' bharail seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.