Òran air a sgrìobhadh le: Seòras MacLeòid agus air a sheinn le: iain dòmhnallach (Tonkan), Cairistìona Primrose agus Iain Dòmhnallach (Tonkan).
This is a song written by: Seòras MacLeòid and sung by: iain dòmhnallach (Tonkan), Cairistìona Primrose and Iain Dòmhnallach (Tonkan).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Chluinn mi fuaim, chluinn mi fuaim na mara
Chluinn mi fuaim, chluinn mi fuaim na mara;
Nuair chluinn mi fuaim ud gu cruaidh ri cladach
Bidh fios a'm fhìn gu bheil mi 's na Dailean.
Baile m' à rach an-drà st' nam shealladh
Toirt nithean à raid mar bha rim aire;
An gleann cho à lainn, an trà igh 's a' mhachair
'S na leòidean fraoich air gach taobh cur mais air.
'S mòr gach smuain a' laigh luath air m' aire
Gu mòr an caochladh a thig air baile;
Bho bha mi òg ann gun bhròig nam bhalach
Na bh' ann air fhà gail 's gach là rach falamh.
Chì mi là imh dhomh an roinn den mhachair
Far na rinneadh cà radh na sà ir ghabh seachad;
Gach nì mar bha ac' 's a dh'fhà g iad againn
Gach clach mar chà raich iad là idir daingeann.
'S cuimhne, 's cuimhne leam loinn gach fearann
Bha tur air à iteach 's fo bhà rr a' crathadh;
Sona sà mhchair bha ghnà th riutha maille
Nan saothair là itheil air sgà th na dachaigh.
Bidh am feasgar ciaradh 's a' ghrian a' cromadh
Bidh sìth a' riaghladh 's an dèandas seachad;
An crodh 's am buachaill a' tighinn guanach dhachaigh
Is gà ileis chloinn anns gach ceann dhen bhaile.
Bidh mais an t-samhraidh cur loinn a bharrachd
Air cnuic 's air glinn, air gach beinn is bealach;
Bidh eòin cho aoibhneach a' seinn le caithream
Bu bhrèagh' a' ghrian a' dol sìos à sealladh.
Bidh an ceòl is à bhaist aig trà igh na mara
Muir-là n is trà ghadh gun thà mh gun anail;
Gach nì tha trà thail, mar bha gun mhaille
Sin fhèin na tha mar a bha 's na Dailean.
Ged bheirist dhomhsa bhith òg ro mhadainn
Le cead bith-beò anns an dòigh bu mhath leam;
An Daile Mòr gum bu deònach dh'fhanainn
Gun sùil ri stòr ach bith-beò bhith agam.

Rugadh agus thogadh Cairistìona Primrose ann an Cà rlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais trà th as na 50an. 'S ann às Cà rlabhagh a bha a pà rantan, ...
Fiosrachadh air Cairistìona Primrose / Learn more about Cairistìona Primrose
Rugadh Iain "Tonkan" Dòmhnallach, Iain Choinnich Phutar, ann am Port nan Giùran anns an Rudha, Leòdhas, air 24 Lùnastal, 1935. Oighrig Mhurchaidh Ruairidh a' Ghlinne ...
Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Tonkan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Tonkan)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.