
Rugadh Iain "Tonkan" Dòmhnallach, Iain Choinnich Phutar, ann am Port nan Giùran anns an Rudha, Leòdhas, air 24 Lùnastal, 1935. Oighrig Mhurchaidh Ruairidh a' Ghlinne a bu mhà thair dha agus bhuineadh a cuideachd do Bharabhas. Bha dithis pheathraichean aig Iain, Murdina nach maireann, agus Mòrag, a tha a' fuireach ann am Beinn na Dròbh, faisg air Steòrbabhagh.
Fhuair e am far-ainm Tonkan chionn 's gun robh am bodach an ath dhoras dhaibh ga shamhlachadh ri Aonghas Dòmhnallach, à Pabail Uarach, athair an t-seinneadair Iain Dòmhnallach (Hoddan), air an robh am far-ainm Tonkan. Bha esan a' deanamh òrain agus uamhasach measail air ceòl.
Nuair a bha e na bhalach òg bhiodh Iain a' deanamh luinneagan beaga agus bha e dèidheil air feadalaich. Bhiodh am bodach an ath dhoras ag rà dh ris "'S ann a tha thu a' toirt nam chuimhne Tonkan à Pabail Uarach" agus lean an t-ainm ris.
Chaidh e do Sgoil na h-Àirde gus an robh e còig bliadhna deug agus an dèidh fà gail bha e a' miannachadh ciùird ionnsachadh. Gu mì-fhortanach cha robh cothroman ann sin a dhèanamh aig an à m. Mar sin chaidh e a dh'obair airson ùine ghoirid do chompanaidh P. M. Mhic a' Ghobhainn, a bha a' togail Ostail Ghibson ann an Steòrnabhagh agus an dèidh sin bha e mu bhiadhna air an FPV Vaila, tè de Bhà taichean Dìon an Iasgaich.
Roghnaich e an uair sin, ann an 1950, a dhol gu muir domhainn agus b' e an Errington Court a' chiad bhà ta air an do sheòl e a-mach à Glaschu. Airson a' mhòr-chuid dhen ùine 's ann aig Loidhne Blue Star a bha e, a' seòladh timcheall Astrà ilia, Sealan Nuadh agus suas taobh an iar Ameireagaidh, an toiseach na lamp trimmer agus mu dheireadh na bhòsun. Mu dheireadh, shaoil e gun robh e air gu leòr dhan dòigh-beatha sin fhaicinn agus dh'fhà g e a' mhuir ann an 1967.
Dh'ionnsaich e dreuchd na saorsainneachd, rud a bha riamh na inntinn, ann an Glaschu agus 's ann aig togail Drochaid Kingston a fhuair e a' chiad obair. Thug e mu thrì bliadhna ag obair timcheall a' bhaile.
Ann an 1968 phòs e Cairistìona Reid, à Springburn, agus tha triùir chloinne aca - Catrìona, Erica agus Coinneach.
Ann an 1969 thà inig iad a dh'fhuirich a Leòdhas agus rinn iad an dachaigh ann am Port nan Giùran, far a bheil iad chun an là tha an-duigh. Bha Iain ag obair aig Stornoway Builders, an toiseach a' togail thaighean anns an Àird. Bha e anns an obair sin airson dhà neo trì bhliadhnaichean, ach nuair a dh'fhàs obair thogail thaighean gann chaidh e air ais gu Bà taichean Dìon an Iasgaich, a dh'obair air FPV Minna.
An dèidh a bhith mu dhà bhliadhna air ais aig muir thill e gu tìr agus bha e ag obair aig Companaidh MhicLeòid an Eilein Sgitheanaich, a' togail Amar-snà mh Steòrnabhaigh. Chaidh e a-mach air a cheann fhèin ann an 1987, ag ùrachadh thaighean agus ag obair anns na Hearadh glè thric. Bha e aig an obair sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2001.
Cha b' ann na òige a thòisich e air seinn idir ach na inbheach thall ann an Astrà ilia agus an Sealan Nuadh. 'S e Rudhach eile, Tommy Darkie, a tha ainmeil airson cluich a' bhogsa, a bhrosnaich e airson a dhol air an à rd-ùrlar airson a' chiad uair. Bhiodh Iain a' seinn òrain Bheurla còmhla ri Tommy anns na clubaichean Èireannach ann a' Sydney, ach 's e òrain Ghà idhlig a bhiodh aige nuair a bhiodh e aig cruinneachaidhean nan Comainn Albannach ann a' Wellinton agus Auckland.
'S ann an Aitreabh nan Gà idheal, ann an Glaschu, a sheinn e airson a' chiad uair ann an Alba, an dèidh a bhith air a phiobrachadh le Sgà ire MacAoidh, nà baidh dha à Port nan Giùran, a bha air a dhachaigh a dhèanamh ann an Glaschu. Bhon uair sin bha Iain a' seinn ann an iomadach à ite timcheall a' bhaile, agus gu h-à raidh ann an taigh-seinnse Rex, air Srà id Earra-Ghà idheal gach oidhche Shathairne.
Chaidh a' chiad teap de na h-òrain aige Take Tonkan a' chlà radh ann an 1976 agus ri linn sin bha iarraidh mhòr air aig cèilidhean air feadh na dùthcha. Rinn e dà theip eile an dèidh sin.
An dèidh tilleadh air ais a Leòdhas lean Iain air a' seinn aig cèilidhean agus bhiodh e fhèin agus a bhean, Cairistìona, a' seinn còmhla uaireannan, ann am Beurla, aig cèilidhean anns an Àird.
'S e Iain fhèin a chuir am fonn air Baile M' Àrach. Bha e ag obair ann an Carlabhagh aon uair agus bha e a' gabhail grèim bìdh ann an Taigh-òsta Doune Braes nuair a thà inig am fear seo far an robh e agus dh'fhaighnich e dha, "An tusa Tonkan?" Nuair a fhreagair Iain gum b' e, thuirt e "Uill, mise Seòras MacLeòid, agus tha mi air òran a sgrìobhadh agus 's dòcha gun cuir thu fonn air dhomh." Dh'inns e an uair sin do dh'Iain mar a sgrìobh e an t-òran agus e na sheasamh ann am bealach faisg air an dachaigh aige, a' coimhead sìos air a' bhaile anns na thogadh e, Dail Mòr.
Choisinn Iain am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Bhaile Ghobhainn, ann an 1990. An-duigh chan eil e a' seinn ach an-drà sta 's a-rithist, mar as trice aig cuirmean ciùil airson carthannais.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.