Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacEacharna (Bà rd Dhiùraidh) agus air a sheinn le: coisir Àrd-sgoil mhicNeacail, Mà iri NicDhòmhnaill agus stiùbhart greumach.
This is a song written by: Dòmhnall MacEacharna (Bà rd Dhiùraidh) and sung by: coisir Àrd-sgoil mhicNeacail, Mà iri NicDhòmhnaill and stiùbhart greumach.
Cà it' an robh mo leannan bòidheach,
Bean a' chòtain ruaidh?
An robh i casruisgt' air an lòn
Is drùchd an fheòir cho fuar?
No 'n robh i ruith le casa beaga
Feadh nam preas 's nam bruach,
Gun ghùn, gun chleòc, gun bhrèid, gun bhròig
Ach ann a còtan ruadh.
Cuailean bòidheach 's fiamh an òir dheth,
'S dath an ròis ad ghruaidh;
Suidh leam còmhla 's nì mi òran
Air do chòtan ruadh;
Tha 'n còtan goirid mar is dùth dha,
Tighinn gud ghlùn a-nuas;
Ach troigh as bòidhche cha do chòmhdaich
Còta dubh no ruadh.
Rìgh, beannaich 's glèidh mo leannan,
'S gu ma fad' i buan;
Dà shùil mheallach orm a' fanaid
'S a' cur car am dhuan;
Nuair bhios airgead ann am phòca
Gheibh thu sròl thar chuan;
Ach cha bhith sròl no sìoda dhomh-sa
Mar bha 'n còtan ruadh.
Leabhran: Ã’°ù²¹¾±²Ô na Cloinne Mòd 1960; Còisirean Ã’igridh Mòd 1966/1970/1975.
Rugadh Mà iri "Denny" NicDhòmhaill ann an Eòlaigearraidh, ann am Barraigh, air 13 Giblein, 1942. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhà in, ...
Fiosrachadh air Mà iri NicDhòmhnaill / Learn more about Mà iri NicDhòmhnaillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.