Rugadh Mà iri "Denny" NicDhòmhaill ann an Eòlaigearraidh, ann am Barraigh, air 13 Giblein, 1942. B' e Dòmhnall Iain 'ic Ruairidh agus Sìne Ruairidh Iain Bhà in, le chèile à Bruthairnis, a pà rantan. B' e iasgair a bha na h-athair agus bha e anns a' Chabhlaich Mharsanta airson greis cuideachd. Bha còignear anns an teaghlach, dithis nighean agus triùir ghillean.
Ged nach robh guth seinn idir aig a h-athair bha ùidh mhòr aige ann an òrain agus bha e math air an cumail air chuimhne. Bha guth math aig a mà thair agus b' e Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), fear de na seinneadairean a b' ainmeile à Barraigh, brà thair a mà thar. Bha Ruairidh Iain Bhà in, a seanair, sònraichte math air seinn agus chaidh a chlà radh le Fear Chanaigh agus le Sgoil Eòlais na h-Alba.
Bha piuthar a mà thar, Ceit Bochanan, cuideachd math air seinn agus mar sin bha Mà iri, a' fàs suas, air a cuartachadh le ceòl is seinn. Tha a piuthar, Criosaidh, ainmeil airson a cuid seinn agus choisinn i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd a' Ghearastain ann an 1985. Tha deagh ghuth aig a brà ithrean cuideachd, ged nach nochdadh iadsan mu choinneamh sluaigh airson seo a dhearbhadh.
'S e Dòmhnall Caimbeul, an neach-teagaisg a bh' aig Mà iri ann am Bun-sgoil Eòlaigearraidh, a bhrosnaich i gu seinn. Bha e ionnsaichte ann an ceòl, chluicheadh e am pià na agus b' e a chuir am fonn air Gruagach Òg an Fhuilt Bhà in. Mur a b' e esan cha bhiodh i idir air a dhol a-mach a sheinn mu choinneamh dhaoine, rud a rinn i an toiseach nuair a bha i mu dheich bliadhna a dh'à ois.
Cha tà inig an t-seinn gu Mà iri cho nà darrach 's a thà inig e gu a piuthar, Criosaidh, agus dh'fheumadh i a bhith air a piobrachadh airson a dhol a sheinn air à rd-ùrlar. A dh'aindeoin sin bha i gu bitheanta aig na cèilidhean ann am Barraigh gus an tug cion slà inte oirre sguir a sheinn 's i a' sreap ris an leth-cheud.
Chuir Mà iri mòran de beatha seachad ag obair gu cruaidh air croit an teaghlaich agus bho 1972 gu 1995 a' coimhead às dèidh nan seirbheisean airson luchd-siubhail aig Cidhe Eòlaigearraidh.
Tha i a' fulang le Ellis-van Creveld Syndrome, a tha air dìreach aon neach ann an sia millean. Nuair a bha i mu dheich bliadhna fichead chaidh i fo obair-lannsa agus chaidh a rà dh rithe nach biodh aice ach dhà neo trì a bhliadhaichean de choiseachd. Ach tha de spiorad, de spionnadh agus de mhisneachd aig Mà iri agus gun robh i a' coiseachd airson faisg air dà fhichead bliadhna an dèidh sin.
Bho dheireadh 2009 tha Mà iri air a bhith ann an cathair-cuibhle ach tha i a' coimhead air adhart ris an latha a thèid aice a dhol air ais gu na cùrsaichean Ionnsachaidh Inbheach air an robh i bho 1997, an sàs ann an obair ceà ird, peantadh agus obair lusan is gà irnealachd.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.