Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Bà rd Cnoc Chùsbaig) agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, Iain Dòmhnallach (Hoddan) agus Iseabail NicAsgaill.
This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Bà rd Cnoc Chùsbaig) and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, Iain Dòmhnallach (Hoddan) and Iseabail NicAsgaill.
Bidh mo dhùthaich ri tighinn air m' aire,
Bidh mo dhùthaich co-dhiubh an dachaigh,
An taobh Cnoc Chùsbaig san Eilean Fhada,
'S an Cuan a Tuath ri cur cuairt air fhearann.
Bidh mi cianail 's chan iongnadh dad deth,
FÃ gail Shiadair 's a' triall bho m' dhachaigh,
Far robh mi dòigheil le lòn 's le aran,
Mi fà gail còir dheth 's a sheòl mi 's t-Earrach.
'S ann ann a fhuaireadh mi na mo leanabh,
'S ann ann a dh'fhàs mi nuair bha mi 'm bhalach,
'S mi ann le Mà iri 's mo phà isdean laga,
Nach cianail fhà gail 's mi 'n sàs ri leth-cheud.
O, bidh mi smaointinn air tìd chaidh seachad,
Mo theaghlach caomh ri mo thaobh mun teine,
Air glùin am mà thar le grà dh 'gan altram,
Mun d' thà inig bàs air ar sgà th gar sgapadh.
'S e seo tha fà gail dol bà n mo dhachaigh,
Bàs am mà thar 's am brà thar mhaisich,
Iad air an Aoigh far nach cluinn iad facal,
'S e seo chuir sgoinn air a' chloinn gu sgapadh.
Tha trioblaid, à mhghar, tha bàs is freasdal,
Ann bhith gan à rach mu'n d'fhà g an dachaigh;
'S am beagan phà isdean a dh'fhà gadh agam,
A' maoidheadh m' fhà gail mur tà rr mi 'n leantainn.
Tha e cruaidh an cuan tuath dhol eadar;
Cò ghabhas diù dhìom nuair thig mo laige?
Cò bheir am bùrn dhomh no bheir dhomh aran
Bho chaill mi MÃ iri 's a h-Ã ite falamh?
Cha leig mi bhuam iad ach ni mi 'n leantainn,
Theid mi null gu taobh thall na mara;
Gheibh sinn à ite anns an dèan sinn tà mhachd,
Ged bhios an là rach-s' air fhà gail falamh.
Bho chionn ochd bliadhna bu bhrèagh' an sealladh
Aig meadhan Shiadair air crìochan m' athar;
Bha aona mac deug ann de ghillean ciatach,
Iad tric a' biathadh mo lìon gu adaig.
Air oidhche Gheamhraidh bhiodh camp dhiubh agam;
Bhiodh fear a' cà radh 's bhiodh snà th 'ga thachras;
Fear sgileadh fhiasgan 's bhiodh fear a' biathadh,
'S a' cur mo lìon ann an cliabh nan laighe.
'S iomadh dòigh rinn na seòid ud sgapadh;
Tha beatha 's bàs dèanadh là raich falamh,
Far robh mo phà isdean is clann mo bhrà ithrean,
Bhiodh feur a' fàs ann gun sà il dha shaltairt.
Seall mun cuairt à m na buain 's as t-Earrach,
Cha bhi aon air an raon ach Calum,
Is dithis phà isdean nach 'eil an à rd orr',
Ma bhios an t-slà int' ac', nì iad cà ch a leantainn.
Mo mhac a b' òige cha bheò am fear sin,
Is ceud-ghin, Murchadh, a dh'fhalbh do Afrag',
A thogadh còmhla rium mus do phòs mi,
'S an tir nam Boers tha chòmhnaidh aige.
Tha iomadh fiùran chaidh fiùghail altram,
An Eilean Leòdhais tha thall an Afraga,
Nach fhaic am pà rantan air an cà ireadh,
'S tha mac mo bhrà thar 'san à ireamh aca.
Och, a shaoghail, 's tu chaochail aithghearr,
'S tu mheall mi fhèin le do mhìltean gealladh;
Nuair a shaoil mi a bha iad fìor dhomh,
Mar mholl roimh ghaoith chaidh gach aon a sgapadh.
Bho shìn am bàs rium 's e dh'fhà g mi falamh,
Tha m' fheòil 's mo chnà mhan 's an sà l dol eadar,
'S mo dhachaigh fà sail gun fà ileadh teine,
'S mi fhèin 's mo chlann air taobh thall na mara.
Tha m' fheum air còmhnadh gu mòr nam faighinn
'S gun dèanainn grèim air na tha na ghealladh,
Bhon Ear gun Iar fhad 's tha ghrian a' riaghladh,
Na tha ga iarraidh tha dìon dhaibh Aige.
An tìr nam beann is nan gleann chaidh m' altram,
An Eilean Leòdhais nan daoine tapaidh,
'S an robh an Diadhachd bho chiantan fada,
'S ged dheidheadh an criathradh tha siol ann fhathast,
Tha 'n t-à m tighinn dlùth, 's chan 'eil dùil a sheachnadh,
'S am feum mi seòladh cha mhòr ach seachdain,
'S am fà g mi 'n dùthaich 's an lùiginn cadal,
Air bà t' na smùide, 's mi gun dùil thigh'nn dhachaigh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha na h-òrain aig Uilleam Mac Coinnich rim faighinn anns an leabhar Cnoc Chùsbaig (°ä±ôò-²ú³ó³Ü²¹±ô²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô Gairm, Leabhar 58, Glaschu, 1982)

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...
Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)
Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...
Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' Mhaoilein
'S ann às an Rubha, Leòdhas, a tha Iseabail NicAsgaill ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis. Tha i pòsta aig ...
Fiosrachadh air Iseabail NicAsgaill / Learn more about Iseabail NicAsgaillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.