
'S ann às an Rubha, Leòdhas, a tha Iseabail NicAsgaill ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis. Tha i pòsta aig Bill MacAsgaill à Cataibh agus tha triùir mhac agus aon nighean aca.
Cha robh seinn san teaghlach agus, ged a bhiodh Iseabail a' seinn mar chur-seachad dhith fhèin cha mhòr bho thà inig còmhradh thuice, cha d' fhuair i a misneachadh airson seinn leatha fhèin san sgoil ged a bhiodh i anns a' chòisir bho à m gu à m. Le sin, dh'fhàs i suas a' smaoineachadh nach b' e seinneadair ro mhath a bh' innte.
Ach an dèidh dhith seinn aig Mòd nan Eilean Siar ann a' Steòrnabhagh ann an 1979 dh'atharraich cùisean. Bhon uair sin tha i air a bhith seinn air feadh an t-saoghail, ann an à itichean cho eadar-dhealaichte ri Israel, Coiria a Deas agus Ugrà in.
Tha a guth sònraichte air buaidh a thoirt air iomadh duine. Tha Iseabail air mòran teagasg a dhèanamh aig fèisean air a' Ghà idhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha i air seinn tric aig fèisean mòra mar Celtic Connections an Glaschu, Celtic Colours ann an Canada, Iomall Fèis Eadar-nà iseanta Dhùn Èideann agus a' North American Folk Alliance.
Tha i tric air telebhisean agus rèidio agus dh'fhàs luchd-amhairc eòlach oirre nuair a bha i a' cluiche Nora anns an t-sreath telebhisean Machair.
Chaochail Iseabail sa Mhà rt 2011.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.