Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) agus air a sheinn le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).
This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) and sung by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hò-rò 's e mo rùn am bothan,
Sùrdail iad na chaidh ga thogail;
Hò-rò 's e mo rùn am bothan
'S togarrach na cheann sinn.
Chuir fir a' bhaile 'n cinn ri chèile
Dh'fheuchainn an robh dòigh fon ghrèin ac'
Air an gabhadh cur na chèisean
Bothan cèilidh geamhraidh.
Chaidh gach fear gu grunnd an sporain,
Dh'fhaicinn an robh bonn a chòrr ann,
'S mus do thional iad na dh'fhòghnadh
'S iomadh pòcaid lom iad.
Fear na tùralachd air balla,
Cà ch ga ùireadh leis na spaidean,
H-uile fear 's a ghnùis le fallas,
Clachaireachd 's a' stà mpadh.
Sreath air balla 's brag aig saoir
A' cà radh sailthean, clèithean, taobhain,
Dh'fhà g iad iomadh sabhal maol
Na shlaod iad thuige chonnlach.
Chan eil cunntas ann an eachdraidh,
Eaglais, teampall, taigh nocaisteal
Thogail ann an leth na seachdain,
'S òrdugh mais is loinn air.
Tha gach à irneis anns a' bhothan,
Balla bà n, 's gu h-à rd tha bolt air;
Being ann, preasan agus bòrd,
Cùil mhòine, stòl is lampa.
Cha robh bodach air an astar
Nach robh tighinn a ghabhail beachd air,
H-uile fear aca dh'aon fhacal,
"Fhearaibh 's math tha ceann air."
Cha robh cailleach anns an nà bachd
Nach robh beannachadh na fà rdaich,
Tè bho thè dhuibh cur na fà ilte,
"Fhearaibh cà 'il an t-slabhraidh."
Thig na gruagaichean gu daimheil
Steach air uairibh ann a chèilidh,
Bothan truagh gun ghoil gun èibhlean,
B' fheumail tì bhith ann dhuibh.
Far-ainm na ainm am baistidh
Togaidh dealbh an fhir a chleachd iad,
'S rium-sa dh'earbadh fear bho fhear dhuibh
Aithris anns an rann seo.
Billa, Stinger, Pots, am Bodach,
Spilt is Peter, 'Wig' 's a Mhordaic,
Mod is Innseag, Mhol am Bocsair,
Mogaran 's an Caiser.
Kenny, Briogaisean, is Sgeallan,
Moncaidh, Bullain is Iain Barrag,
Calum Chruil, Calum Lastic,
'N Ceaparlan is Angie.
Red, an Ciasan, Sìthbheag, Pòcha,
'M Pudlaman, is Bìdean Seòras,
Squinty, 'n Ceatharnach is Geòrdie
Warrior is Puinnse.
Guma fada bhios an còmhlan,
Cruinn air being mu theine mònach,
Guma fada fada beò sibh
'S ceò as ur taigh geamhraidh.

'S ann à sgìre Nis, Leòdhas, a bha Aonghas Caimbeul, no Am Puilean mar a b' fheà rr a dh'aithnichear e. Mar a sgrìobh e fhèin ...
Fiosrachadh air Aonghas Caimbeul (Am Puilean) / Learn more about Aonghas Caimbeul (Am Puilean)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.