Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Ros agus air a sheinn le: còisir à rd-sgoil an obain agus seinn cà raid.
This is a song written by: Uilleam Ros and sung by: còisir à rd-sgoil an obain and seinn cà raid.
Beir mo shoraidh le dùrachd do rìbhinn nan dlùth-chiabh
Ris an tric bha mi sùgradh ann am bruthaichean Ghlinn Braoin.
Gur e mise tha gu cianail 's mi cho fada uat am bliadhna;
Tha leann-dubh air mo shiaradh 's mi ri iargain do ghaoil.
Chan fhaod mi bhi subhach, gur e 's beus dhomh bhith dubhach,
Cha dìrich mi bruthach, chaidh mo shiubhal an lughad.
Chaidh m' astar am maillead bho nach fhaic mi mo leannan;
'S ann a chleachd mi bhi mar riut ann an gleannan a' chaoil.
Anns a' choill' am bi 'n smùdan 's e gu binn a' seinn ciùil duinn,
Cuach is smeòrach gar dùsgadh, cur na smùid diubh le faoilt'.
'S tric a bha mi 's tu mireadh agus cà ch gar sìreadh,
Gus 'm bu deònach leinn tilleadh gu innis nan laogh.
Sinn air fà ireadh na tulaich 's mo là mh thar do mhuineil,
Sinn ag èisteachd nan luinneag, bhiodh am mullach nan craobh.
Gur mis' tha sa champar, 's mi fo chìs anns an à m seo,
Ann am prìosan na Frainge fo ainneart gach aoin.
Cha b' ionnan siud agus m' à bhaist a' siubhal nam fà sach,
'S a' dìreadh nan à rd-bheann gabhail fà th air na laoich.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.