Ann am prògram a rinn e do BhBC Radio nan Gà idheal thuirt am bà rd agus an sgoilear, an t-Ollamh Ruaraidh MacThòmais, mu Uilleam Ros:
"Tha an t-ainm fhathast a' dùsgadh ìomhaigh shònraichte ann an inntinn a' Ghà idheil - ciùine, blà ths cridhe, gaol leòinte, Cuachag nan Craobh, Mòr Ros.
Tha fhios gu bheil bunait aig an ìomhaigh sin, ach cha b' e duine sìmplidh, socair a bh' ann an Uilleam Ros, ach duine gu math iomadh-fhillte".
Rugadh Uilleam Ros anns an t-Srath san Eilean Sgitheanach ann an 1762, faisg air an t-Sìthein. A' leantainn rathad Ealaghol a-mach às an Ath Leathann, tha là rach taigh mòr Choire Chatachain air an là imh dheis, agus bha an Sìthean faisg air a' sin.
Bha a mhà thair à sgìre Gheà rrloich agus 's ann bho a taobh-se a fhuair Uilleam a' bhà rdachd agus an ceòl. B' e Iain MacAoidh, Am Pìobaire Dall, a bha na bhà rd agus na phìobaire aig Sir Eachainn MacCoinnich Gheà rrloich, a sheanair.
B' ann as an Eilean Sgitheanach a bha athair, ceannaiche-siubhail air an robh Iain Ros. Bhiodh Uilleam òg tric a' falbh còmhla ri athair agus, mar sin, fhuair e eòlas air na h-eileanan agus à iteachan eile air feadh na dùthcha. Fhuair e cuideachd eòlas air dualchainntean eadar-dhealaichte.
Bha e math air ceòl. Chluicheadh e an fhidheall, am feadan agus innealan-ciùil eile, agus bhiodh e a' togail an fhuinn san eaglais.
Ghluais an teaghlach gu Farrais gus am faigheadh a' chlann foghlam clasaigeach. Bha Uilleam na dheagh sgoilear agus an dèidh dha an sgoil fhà gail thill an teaghlach gu Geà rrloch.
Ann an Geà rrloch, bha e ag obair mar fhear-teagaisg, agus lean e ris a' sin gus na bhris a shlà inte.
Ann an 1782, chaidh e a dh'fhaicinn dotairean an Dùn Èideann, agus mhol iad dha gum biodh à ile ghlan nam beanntan math dha. Ghluais e gu Brà ghad Albainn eadar 1783 agus 1786 ach bha e ag ionndrainn Gheà rrloch:
A Shrath Chill Fhaolain nam bà maola
'S nam fear caola, luatha,
'S mi nach taodhladh air do ghaol thu
Nochd gur faonraidh fuar thu;
Thuirt beul an rà faird rium gum b' fheà rr thu
Na Geà rrloch an Taobh Tuatha
Fhearann gortach, là n do bhochdainn
Gun socair aig tuath ann.
Beir mo shoraidh thìr a' mhonaidh
Is nam beann corrach à rda,
Frith nan gaisgeach 's nan sonn gasta
Tìr Chlann Eachainn Gheà rrloch;
Gur uallach eangach an damh breangach
Suas tro ghleannan fà saich;
Bidh cuach sa bhadan seinn a leadain
Moch sa mhadainn Mhà ighe.
Cha d' fhuair Uilleam slà inte am Brà ghad Albainn agus chaochail e am Bad a' Chrò leis a' chaitheamh agus leis a' chuing ann an 1790. Cha robh e ach ochd bliadhna fichead a dh'aois. Chaidh adhlacadh ann an Clachan Gheà rrloich far na thadhail Ruaraidh MacThòmais air an uaigh aige dìreach as dèidh an dara cogadh. Sgrìobh e:
Dubhar nan craobh air leth-taobh a' chladha
's an traigh a' sineadh thall,
tha cronan nan tonn is luasgan nan duilleach
gad thaladh a-null 's a-nall;
cha bu mhath gun tigeadh ort fois ro bhuileach
's gun chuimhne do mhulaid air chall.
Ged a rinn Uilleam Ros, mar eisimpleir, dà in molaidh, bà rdachd nà dair agus òrain èibhinn, chan eil teagamh nach ann airson òrain gaoil a tha e gu h-à raidh aithnichte.
A rèir beul-aithris, thuit e ann an trom ghaol le Mòr Ros, a bhuineadh do Steòrnabhagh, turas is e as a' bhaile. Gu mi-shealbhach phòs Mòr sgiobair à Liverpool, Caiptean Clough, ann an 1782, agus dh'fhalbh iad a Shasainn.
Bha Mòr air pòsadh nuair a rinn e Feasgar Luain agus e a' cuimhneachadh air an fheasgar Luain ud a bha e na cuideachd:
Dhiùc mar aingeal mu mo choinneimh
'N ainnir òg bu ghlaine snuadh,
Seang-shlios fallain air bhlà th canaich
No mar an eal' air a' chuan;
Sùil ghorm mheallach fo chaol-mhala
'S caoine sheallas 'g amharc uath',
Beul tlà th, tairis, gun ghnè smalain
Dhan gnà th carthannachd gun uaill.
Mar ghath grèin' am madainn Chèitein,
Gun mheath i mo lèirsinn shùl,
'S i ceumadh ùrlair gu rèidh iompaidh
Do rèir pungannan a' chiùil:
Rìbhinn mhodhail, 's fìorghlan foghlam
Dh'fhìon-fhuil mhòrdhalach mo rùin,
Reul nan òighean, grian gach còisridh,
'S i 'n chiall chòmhraidh, cheòl-bhinn, chiùin.
Tha an crà dh a dh'fhuiling Uilleam ros a thaobh Mòr a' tighinn am bà rr tric as na h-òrain aige, uaireannan 's gun e idir a' toirt iomradh oirre.
Ar leam nach b' e 'n gliocas
Dhomh fhèin siud gun tuitinn an gaol
A chailin a thrèig mi
'S a chuir an neo-speis mi cho faoin;
Nan smaointichinn ceart air
Gum fà sadh an lasair sin caoin;
Gum bà thainn i buileach
'S cha chuireadh i tuill mi 'n laoid.
Bha Uilleam Ros cuideachd mothachail gu robh dà thaobh air a' ghaol, agus tha seo a' tighinn am bà rr anns an 'Òran Eadar am Bà rd agus Cailleach Mhilleadh nan Dà n':
Am BÃ rd:
Tha mo leannan nas à illte
Na tha san Roinn Eòrp'
Gur gile 's gur glain i
Na canach an fheòir;
Gur binne na chlà rsach
Leam à bhachd a beòil
Aig a' mheud 's thug mi ghaol dhith
Chan fhaod mi bhith beò.
A' Chailleach:
'S tu dh'fhosgail thar chòir e
'S nach sòradh a' bhreug
'S a liuthad gnùis rò-ghlan
San Roinn-Eòrpa gu lèir,
Masa samhla dhi 'n canach
Chan aithne dhomh fheum;
Mas e gaol a bheir triall ort
Deagh bhliadhn' às do dhèidh.
Masa binne na chlà rsach
Leat à bhachd a beòil.
Gur neònach nach cuala sinn
Luaidh air a ceòl;
Mur a h-ealaidh os n-ìosal
Ann an dìomhaireachd mhòir
Ris an èireadh a chridhe
Gun ach trì-'ear na còir.
Bha e air a rà dh gun do chuir Uilleam Ros a bhà rdachd na teine mus do bhà saich e, agus nach eil air fhà gail againn ach na h-òrain a bha air bilean an t-sluaigh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.