Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Seonag NicChoinnich.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Seonag NicChoinnich.
'S ann aig ceann Trà igh Ghruineard
A dh'fhà g mi 'n curaidh
Aig ceann Trà igh Ghruineard a dh'fhà g mi,
Fear a thà irneadh lann
'S a bhualadh buillean
Aig ceann Trà igh Ghruineard a dh'fhà g mi.
Clò dubh, clò donn
Clò mo chridh'
Clò dubh, clò donn, clò-lan
Gur a daor a reic mi 'n clò-lan dubh
Gur daor a reic mi 'n clò-lan.
Blà r Trà igh Ghruineard
Chaidh Blà r Trà igh Ghruineard a chur ann an Ìle air 5 Lùnastal, 1598.
Aig an à m bha Sir Seumas Dòmhnallach Ìle air Aonghas, athair fhèin, a chuir an grèim agus air à ite a ghabhail mar cheann-cinnidh nan Dòmhnallach. B' e Seumas mac le piuthar Lachlainn Mòr MacIllEathain, Triath Dhubhaird am Muile. Bha Aonghas air a pòsadh agus e an dòchas gun toireadh seo tomhais de shìth eadar na Dòmhnallaich agus Clann 'illEathainn oir bha an dà chinneadh air a bhith an amhaichean a chèile fad ùine mhòr.
Bha Lachlan Mòr airson a ghrèim air Na Roinn Ìleach a dhaingneachadh, 's e aige le còir bhon Chrùin, ged nach robh na Dòmhnallaich a' gabhail ri seo, agus thà inig e air tìr air taobh an iar an eilein, aig Loch Ghruineard, le feachd mhòr na chois.
A rèir co-dhiù aon sgeulachd am beul-aithris, bha a' bhana-bhuidseach ris an cante An Doideag Mhuileach air rabhadh a thoirt do MhacIllEathainn gu robh trì rudan sònraichte ann nach bu chòir dha a dhèanamh. Thuirt i nach bu chòir dha a dhol air à rainn à ite air an robh Nòstaig an Ile, nach bu chòir dha deoch òl à Tobar Nèill Neònaich agus nach bu chòir dha a bhratach a thogail air Cnoc nan Aighean.
Gun mhothachadh, rinn Lachlainn na trì rudan a chaidh a chrosadh dha.
Mus do thòisich am blà r thà inig duine beag croiteach, neònach, à Diùraidh, air an robh an t-ainm An Dubh-Sìdh, a choimhead air Lachlainn agus e a' tairgsinn sabaid còmhla ris. Rinn Lachlainn tà ire air an Dubh-Sìdh, ag rà dh nach fhuilingeadh e leithid a bhith na shealladh. Dh'fhalbh an Dubh-Sìdh as a' bhad a shabaid còmhla ris na Dòmhnallaich, a bha toilichte a thaic fhaighinn.
Thòisich am blà r agus chaidh an latha le na Dòmhnallaich. Bha an Dubh-Sìdh air falach ann an craoibh os cionn Tobar Neill Neònaich agus mharbh e Lachlainn Mòr le aon shaighead.
Len ceann-cinnidh a-nis marbh, theich Clann 'illEathain a shireadh comraich san eaglais an Cill Naoimh, ach chuir na Dòmhnallaich a bha air an tòir teine ris an eaglais. Loisgear gu bàs a h-uile duine a bha na broinn ach a-mhà in aon fhear, MacMhuirich, a leum tron mhullach agus a fhuair air snà mh air falbh.
Bha naidheachd eile ag innse gun deach an corp aig Lachlainn Mòr a chuir air seòrsa de shlaod airson a ghiùlain bho far na thuit e gu ruige Cill Chomain far an deach a thiodhlacadh. Bha an t-slaod cho goirid agus gu robh a chasan slaodte ris aig aon cheann, agus a' cheann a' bualadh air a' ghrunnd aig a' cheann eile.
Chuir an sealladh seo mac le muime Lachlainn, gille air an robh Donnchadh, gu gà ireachdainn agus thòisich e a' magadh air an t-suidheachadh as an robh an ceann-cinnidh a-nis. Chuir seo uibhir a dh'fhearg air a mhà thair agus gun mharbh i e aig à ite ris an cante Cà rn Dhonnchaidh.

Rugadh Seonag NicChoinnich ann an Siadar a' Rubha, Leòdhas air 2 Sultain, 1929. Ann an Sgoil na h-Àird, b' e Ciorstag Mhòr no Miss Murray ...
Fiosrachadh air Seonag NicChoinnich / Learn more about Seonag NicChoinnichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.