
Rugadh Seonag NicChoinnich ann an Siadar a' Rubha, Leòdhas air 2 Sultain, 1929. Ann an Sgoil na h-Àird, b' e Ciorstag Mhòr no Miss Murray mar a dh'fheumadh a' chlann a rà dh, a' chiad tidsear a thug Seonag gu Mòd ionadail, far nach do chuir e iongnadh air duine sam bith, ach 's dòcha air Seonag fhèin, nuair a fhuair i a' chiad duais. Mar a thuirt i air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 31/12/2002:
"Cha thuig thu gu bheil guth math seinn agad fhèin ann. 'S e daoine eile a bhios ag innse dhut gu bheil guth math seinn agad. 'S mathaid nach can iad sin riut ach iarraidh iad ort gabhail amhran. Agus tha fìor chuimhne agam, nuair a thigeadh na balaich dhachaigh air leave no cà il mar sin, bhithinn-sa an còmhnaidh a' suidhe air uchd chuideigin, a' seinn."
Chaidh Seonag do Sgoil 'icNeacail agus do Cholaiste Chnoc Iòrdain far an do dh'ionnsaich i a bhith na tidsear agus far an do chuir i seachad iomadh oidhche dhòigheil aig dannsaichean Overnewton. Thill i a Leòdhas a theagasg agus sin far an d' fhuair i cur-seachad ùr, a' seinn ann an Còisir Gà idhlig Steòrnabhaigh. Chaidh i còmhla riutha gu Mòd Dhùn Èideann ann an 1951 agus an ath-bhliadhna thug stiùiriche a' chòisir, Iain MacSuain à Scalpaigh, oirre seinn leatha fhèin.
Nuair a fhuair Seonag am Bonn Ã’r, ann an Obar Dheathain ann an 1955, bho Ealasaid, MÃ thair na BÃ nrigh, bha i gu math toilichte:
"Bha fhios agam nach robh agam ri feuchainn tuilleadh! Cha robh na farpaisean a' còrdadh rium. Bhiodh crith as na glùinean agam a bha dìreach uabhasach, 's chan fhaighinn cadal. 'S ann a bha thu a' smaoineachadh ciamar a bha thu ga sheinn, an à ite a bhith a' smaoineachadh air an amhran fhèin. An à ite smaoineachadh air ciall an amhrain, 's ann a bha thu a' smaoineachadh air ciamar a bha thu ga sheinn, 's ge b' oil leat fhèin, bhiodh sin a' tachairt. 'S ann a bha thu mar gum biodh tu a' seinn le d' eanchainn."
Carson ma tha rinn i e?
"Chaidh mi steach airson a' Bhonn Òr seach gu robh mi as a' chòisir agus gur e sin a' rud a bhathas a' dèanamh, dìreach a' fasan. Ach bha tòrr a bharrachd ùidh agamsa riamh ann an dìreach na h-amhrain a bha mi air ionnsachadh bho dhaoine no ann an à iteachan eile."
Chuir Seonag seachad a' mhòr-chuid de beatha ann an Dun Èideann far an robh bùth as an robh iad a' reic fìon aice fhèin agus aig a cèile Ruaraidh. Bha Seonag na h-eòlaiche fìon aig à rd ìre.
Thairis air na bliadhnaichean rinn i mòran obair còmhla ri Seumas Ros a bha ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba ach a bhiodh cuideachd a' dèanamh mòran phrògraman Gà idhlig don BhBC. Bhiodh Seumas a' toirt dhith clà raidhean de dh'òrain a rinn e gus an ionnsaicheadh i iad airson an gabhail air prògraman. Cha robh e ceadaichte dha na clà raidhean fhèin a chleachdadh.
Mar a mhìnich Seonag, "Aig an à m sin cha robh iad a' smaoineachadh gu robh iad "freagarrach" airson an cuir a-mach air a' BhBC. 'S bha mi fhìn, 's tha mi cinnteach gu leòr eile, ag ionnsachadh nan amhran sin, seach gu robh an guth 's dòcha nas òige is na bu fhreagarraiche. Tha mi toilichte cantainn gu bheil mi gan cluinntinn an-diugh, na bodaich 's na caillich."
Air los seo, dh'ionnsaich Seonag, mar eisimpleir, mòran de na h-òrain a bha Seumas Ros air a chlà radh bho Nan NicFhionghain (Nan Eachainn Fhionnlaigh) à Bhatarsaigh, agus bha i anabarrach toilichte gun d' fhuair i cothrom Nan a choinneachadh agus beagan aoigheachd a thoirt dhith. "Thug Seumas a-null a Dhùn Èideann i, 's bha sinn ga toirt timcheall dhan a h-uile à ite 's cha chreid mi nach do chòrd e rithe."
Bha Seonag cuideachd eòlach air an t-seinneadair Barrach, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain agus dh'ionnsaich i òrain bhuaidhe-san. Bha e a' còrdadh rithe a bhith a' dol a dh'Uibhist, a Bheinn na Fadhla agus a Bharraigh.
Am measg an iomadh duine bhon d' fhuair Seonag òrain, bha An t-Urr. Uilleam MacMhathain sònraichte ach, aig amannan, doirbh dhith.
"Bhiodh sinn a' coinneachadh uair sa chola-deug, 's bhiodh e a' tighinn aig leth-uair an dèidh naoi. Bhiodh e a' gabhail a shuipeir. O bha e uabhasach duilich biadh a thoirt dha. Cha robh e furasta a riarachadh idir! Ach bhiodh e a' tighinn mu leth-uair an dèidh naoi, 's bhiodh e sin uaireannan gu leth uair an dèidh sia sa mhadainn."
Le cuideachadh a mic, bhiodh i a' clà radh òrain bho Uilleam, agus ag ionnsachadh mun eachdraidh aca agus mun chà nan a bha annta. Mar thuirt e fhèin rithe uair is uair, "Bidh tu a' suidhe, 's bidh tu ag èisteachd, 's bidh tu a' faighneachd nan ceist."
'S iomadh uair a bha Seonag cuideachd a' craoladh beò dhan BhBC, ri linn Eòghainn Mhic a' Phì.
"Nuair a shaoileadh e gu robh mi a' dol ro shlaodach chuireadh e a ghà irdean chun an taobh cheart. 'S nuair a bha e a' smaoineachadh gu robh mi a' dol ro luath, thionndaidheadh e a ghà irdean chun an taobh cheà rr. 'S bha e ag obrachadh a cheart cho math ri cà il sam bith eile. 'S bha mi a' crìochnachadh aig an à m cheart!"
Bha Seonag là n spòrs is fealla-dhà agus cha do rinn duine barrachd gaireachdainn na i fhèin nuair a fhuair i cuireadh bho Fred MacAmhlaigh sreath phrògraman telebhisean a dhèanamh. "Caill cuideam", arsa Fred ri Seonag, "agus cuir cruinn bannal!"
Rinn i sin agus bha fèill mhòr air a' bhannal, Seinneadairean Dhùn Èideann (The Edin Singers), as an robh Seonag fhèin, Evelyn Chaimbeul, Mà iri Sandeman agus Iona NicDhòmhnaill. Mar a thuirt Seonag, "Rinn sinn a' chùis!"
Chaochail Seonag NicChoinnich air 13 Cèitean, 2007.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.