Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catrìona NicGill-Eain.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catrìona NicGill-Eain.
Ceud furan is ceud fà ilte
Bhuamsa, Mhà iri gus t'fhaicinn,
Gu bean a' chùil fhà isnich
Is nam blà th shùilean maiseach;
Gura math a thig gùn dhut
Air tigh'nn ùr as an fhasan,
'S gura math a thig brèid dhut
Latha fèille sa chlachan.
Nighean oighre Srath Shuardail,
Dham bu dual a bhith beairteach,
Gura minig a bha sinn
Muigh air à irigh le martaibh
Ann an lagan beag riabhach
Mharbhte fiadh is laogh breac ann,
'S coileach dubh air bhà rr gèige
Greis mun èireadh an dealta.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô - Clann 'ic Fhionghain an t-Srath
'S e seo, mar a chuir athair an t-seinneadair, am bà rd Somhairle Mac Gill-eain e, air program Gà idhlig a' BhBC air 27/01/49, "Seann òran Sgitheanach a ghlèidh piuthar m' athar agus nach cuala mise ach bho fheadhainn a dh'ionnsaich e bhuaipe-se. Tha mi den bharail gu bheil e soilleir à lainn air dòigh iongantach."
Chaidh 'Ceud Furan 's Ceud Fà ilte' a dhèanamh do nighean oighre Srath Shuardail, nighean le MacFhionghain an t-Srath, san Eilean Sgitheanach.
Tha an ceangal a tha aig Clann 'ic Fhionghain ri Srath Shuardail a' dol air ais linntean mòra. A' sgrìobhadh an 1841, bha an t-Urramach Iain MacFhionghain a' cumail a mach gu robh an sgìre "known to have been populated by the MacKinnons since 1354."
"Strath Fhionghain gheal
'S an grinne beus gun smal
An strath is cruaidhe clach
'S an sgaitiche cù is bean."
Bha Clann 'ic Fhionghain daonnan fo bhratach Dòmhnallaich an Eilein Sgitheanaich. Shabaid iad còmhla riutha an aghaidh Cromwell agus bha iad aig blà r Worcester. Bha mu cheud gu leth dhiubh air taobh nan Seumasach aig Blà r Sliabh an t-Siorram, 's mar thoradh air a' sin chaidh an oighreachd a thoirt bhuapa. Chaidh a cheannach air ais dhan teaghlach ann an 1723.
Ach thà inig iad a-mach a-rithist air taobh a' Phrionnsa ann an 1745 agus chuidich an ceann cinnidh agus fear eile dhiubh, Caiptean Iain Ealghol, am Prionnsa Teà rlach nuair a bha e fon choill anns an Eilean. Fhuair iad le chèile am prìosan airson seo.
Ann an 1765 chaidh an oighreachd a cheannachd le Dòmhnallaich Shlèite.
'S ann do Chlann 'ic Fhionghain an t-Srath cuideachd a bhuineadh am bà rd Lachlan Mac Theà rlaich Òig.
Rugadh Catrìona NicGill-Eain ann an 1951 ann an Inbhir Nis, ged a bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann aig an à m. Chuir ...
Fiosrachadh air Catrìona NicGill-Eain / Learn more about Catrìona NicGill-EainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.