Rugadh Catrìona NicGill-Eain ann an 1951 ann an Inbhir Nis, ged a bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann aig an à m. Chuir i seachad a' mhòr-chuid de h-òige, bho aois còig bliadhna, anns a' Phloc, far an robh a h-athair, am bà rd ainmeil Somhairle MacGill-Eain, na cheannard air an sgoil.
An dèidh Àrd-sgoil a' Phluic fhà gail chaidh Catrìona a dh'Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich i le Gà idhlig agus Litreachas na h-Albainn.
Ann a 1979 phòs i Dòmhnall Dòmhnallach à Uibhist a Tuath agus bha triùir chloinne aca.
'S ann bhon teaghlach aice fhèin a fhuair Catrìona mòran de na h-òrain a bhiodh i a' seinn, gu h-à raidh bho brà thair a h-athar, Alasdair agus a bhean Rena, a bha a' fuireach ann an Uibhist a Deas nuair a bha i a' fàs suas, agus bho bhrà thair athar eile, Iain, a bha os cionn Àrd-sgoil an Òbain.
'S iomadh òran a dh'ionnsaich Catrìona do sgoilearan Phort Rìgh nuair a ghluais i dhan Eilean Sgitheanach an dèidh pòsadh. Bha pà irt mhòr aice cuideachd anns an t-strì airson foghlam tro mheadhan na Gà idhlig a stèidheachadh ann am Bun-sgoil Phort Rìgh.
Chaidh i air cuairt nam bà rd a dh'Èirinn ann an 1991 agus bhiodh i a' sgrìobhadh òrain agus sgeulachdan chloinne airson prògraman Gà idhlig a' BhBC air rèidio agus telebhisean.
Chaochail Catrìona ann an 1993.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.