Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh 'Mòr' Friseal agus air a sheinn le: An t-Urr. Uilleam MacMhathain agus Mà iri Anna NicUalraig.
This is a song written by: Donnchadh 'Mòr' Friseal and sung by: An t-Urr. Uilleam MacMhathain and Mà iri Anna NicUalraig.
Is oidhche dhomh nam aonar
A' siubhal fraoich is fà saich,
Gun d' dhrùidh an t-uisg' air m' aodach
Is shaoil leam a bhith bà thte.
Bha ghaoth a cheart cho fuath'sach
'S mo chluas nach cluinneadh tà irneach;
Ceud soraidh slà n do 'n ghruagaich
Thug dhomh gun ghruaim an fhà rdach.
Nuair rà inig mise 'n teaghlach
Bu choibhneil rium bha SÃ ra,
Gun d'fhuair mi cuid na h-oidhche
Is roinn de 'n la-'r-na-mhà ireach;
Bha h-uile nì mar dhaoimean
Gun fhaighneachd tighinn gu m'ailgheas;
'S mo dhùrachd-sa do 'n mhaighdinn
A rinn mo leab' a chà radh.
B' i sud an leaba chliùiteach;
Gun gabhadh diùca tà mh innt';
Le iteagan 's le dùnais,
'S le cùirteinean ùr' à rda,
Le cuibhrig dearg is uaine,
'S le cluasagan mìn, à lainn;
Ged bhiodh an reothadh cruaidh ann,
Am fuachd chan fhaigheadh là mh rium.
Is math thig gùn de 'n t-sìod' dhut,
Is breacan rìomhach sgà rlaid;
Is là mhainnean geal rìomhach
Mu d' bhasan mìne, bà na;
An t sùil is glaine lìonadh,
'S do bhian mar shneachd an fhà saich
Gur son' e, ge b' e òg e,
A gheibh le deòin do là mh-sa.
Nuair thèid thu chun na h-à iridh
'S a' Bhrà ighe 's tearc do shamhladh,
A dhèanamh muighe 's cà baig,
'S a dh' Ã rach laogh is ghamhna;
Do phears' tha dìreach à lainn,
'S gur h-Ã illeagan 'sa ghleann thu;
B' e 'n sòlas a bhith còmhl' riut
Seach 's turas Thighearna Ghrannda.
Nis bheir mi dhut mo sheòladh,
Mar 's eòl dhomh, ann an dà nachd;
Bi fuireach bho gach gòraich,
'S do dhòigh na toir do mhà nran.
B' i 'n còmhnaidh banail, stuama,
'S fear-fuadain na leig teann ort;
Is chì thu le do shùilean
Gur cùis sin nach dèan call dhut.
Gur h-iomadh caileag bhòidheach
A b' eòl dhomh ri mo là -sa,
A chaill le falbh na h-oidhche
A h-aoibhneas is a h-Ã illeachd.
Tha iad a-nis is gnùig orr'
An cùil gun fhear thig là mh riuth';
Gur daor am pà igheadh sùgraidh
Bhi tabhairt glùin do phà isde.
Mu Lòchaidh 's ann tha seòrsa
Na h-òigh' mu bheil mi seanchas;
Na fleasgaichean grinn', bòidheach
Tha eòlach air gach fear-ghleus;
Fir ghasda dha 'm bu dual
An à m cruadail a bhi calma.
'S e ainm na maighdinn shuairce
Mu 'n cualas Ealag Chamarain.
Mo ghuidhe dhut 's mo dhùrachd
Gach cùis a dhol gu brà th leat,
A nighean mhaiseach chliùiteach
Is fiùghantaiche nà dar.
Do chliù bidh raise 'g innseadh
Le fìrinn anns gach à ite.
Ceud soraidh slà n do 'n mhaighdinn
A rinn mo leab' a chà radh.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu Uilleam MacMhathain ri fhaighinn ann an iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 35.

Rugadh agus thogadh Mà iri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a mà thair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...
Fiosrachadh air Mà iri Anna NicUalraig / Learn more about Mà iri Anna NicUalraigRugadh an t-Urramach Uilleam MacMhathain air 25 Lùnastal, 1910 ann an Solas, Uibhist a Tuath, a' chiad mhac de dhithis aig Calum MacMhathain agus a ...
Fiosrachadh air An t-Urr. Uilleam MacMhathain / Learn more about An t-Urr. Uilleam MacMhathainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.