
Rugadh agus thogadh Mà iri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a mà thair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar neach-teagasg sheinneadairean is luchd-ciùil.
Fhuair i a trèanadh mar neach-ciùil clasaigeach an toiseach ann an Douglas Academy, sgoil-ciùil shònraichte ann an Glaschu. Cheumnaich i à Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba (an RSAMD) agus lean i oirre a' rannsachadh ciùil anns an Royal Northern College of Music ann am Manchester.
Choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd Ghlaschu ann an 1988 agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs a' bhliadhna ron a' sin.
Thug i grunn bhliadhnaichean ag obair anns an t-seòmar-naidheachd aig Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal an Inbhir Nis ach leig i à s an obair sin airson a bhith là n-ùine an sà s ann an ceòl.
Tha Mà iri Anna air a bhith aig cridhe iomadh pròiseact sònraichte co-cheangailte ri ceòl, ri òrain agus ri Gà idhlig, nam measg Lasair Dhè a chruthaich ceòl ùr airson sailm Ghà idhlig agus a choisinn duais Saltire dhith ann an 1999.
A bharrachd air a bhith a' seinn agus a' cluich pià na agus clà rsaich air feadh na dùthcha agus thall thairis, tha Mà iri Anna aithnichte mar riochdaire ciùil. Mar eisimpleir 's i a dheasaich an ceòl airson an t-sreath telebhisean Aig Cridhe ar Ciùil agus bha i ri faicinn a' brosnachadh agus a' misneachadh chà ich anns an t-sreath A' Gharaids air Âé¶¹Éç ALBA. 'S i cuideachd a tha a' cumail smachd air Na Seòid.
Tha i cuideachd aithnichte mar neach a tha a' cruthachadh ceòl ùr agus tha i air obair a dhèanamh, mar eisimpleir, do Fhèis Eadar-nà iseanta Dhùn Èideann. Tha i a' lìbhrigeadh phrògraman-ciùil air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal, Âé¶¹Éç Radio Scotland agus Âé¶¹Éç Radio 3.
Tha Mà iri Anna a' fuireach agus ag obair ann an Àird Ghobhair.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.