Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) agus air a sheinn le: Murchadh MacGillìosa.
This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) and sung by: Murchadh MacGillìosa.
'S cha mhol mi fhìn an t-saighdearachd
Cha d' fhuair mi coibhneil i;
'S gu dearbh cha dèanainn soighnigeadh
Ged gheibhinn oighreachd rìgh.
Ri doublaigeadh 's a' meà rdsaigeadh
Mo chnà mhan gort le sgìths,
'S gun truas aig mà idsear Parlan rium
'S ann ris tha m' à rach fhìn.
'S tha cuimhn agam aon uair
Is sinn cruinn ann a' Fort George
Bha bhiodag air mo shide agam
'S a' rifle na mo dhòrn.
'S e 'n t-seacaid dhearg a mheall mi
'S i teann le belt-a mòr
Bha sreath de phutain saighdeir innt'
'S iad shine-igeadh mar òr.
'S nuair dh'èireas mi sa mhadainn
Air mo bhracaist bheir mi là mh;
Bhiodh briosgaid chruaidh is bùrn againn
Is smùrag bheag de chà is.
Ach cha b'e sin a chleachd bhith ann
Ach ìm is gruth is bà rr,
'S b' e sin a' bhracaist shòlasach
Bha Leòdhas nam beann à rd.
'S a' knapsack thug iomadh deuchainn
'S iomadh uair a dh'fheuch i mi,
'S i agam air mo ghualainnean
'S i sìos air mo leth taobh.
'S mar b' e dhomhsa riaghailt
'S nach riaraicheadh e rìgh;
Gun striabainn le mo mheuran i
'S gu greusaich cha deigheadh i.

Rugadh Murchadh MacGillìosa air 6 Samhain, 1936, aig 47 Siabost a Tuath. B' i Ceitidh Ann Khent (far-ainm a bh' ann an Kent) a mhà thair ...
Fiosrachadh air Murchadh MacGillìosa / Learn more about Murchadh MacGillìosaÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.