Rugadh agus thogadh Murchadh MacLeòid, Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig, aig 5 Siabost a Deas ann an 1877, agus tha atach an taighe ri fhaicinn an sin fhathast. A rèir coltais b' e a b' òige a bh' anns an teaghlach.
Bha e pòsta aig Ciorstaidh Mà iri NicLeòid, nighean Rob 'ain Deirg à Brà gar a Deas. Bha e air a rà dh gur ann dhan t-sabhal a chaidh e a dh'fhuireach nuair a phòs e, chionns gur e a b' òige dhan teaghlach agus nach robh fearann ann dha. Chaochail Ciorstaidh òg agus chaidh an aon nighean a bh' aca, Catrìona Bheag, a thogail le piuthar a mà thar ann am Brà gar. Phòs Catrìona fear a mhuinntir Bheà rnaraigh, Aonghas MacÌomhair, a bha fuireach aig 1 Tòbsan, agus air an robh a' far-ainm Miodarach.
Tha lorg air mu ochd òrain a rinn Murchadh, agus tha a' mhòr-chuid aca measail aig seinneadairean Leòdhasach gu h-à raidh. Cluinnear 'S e Siabost Is Boidhche, Feasgar Agus Ceò Ann, 'Nuair A Chì Thu Caileag Bhòidheach, Oidhche Dhomh 's mi Suirghe agus 'Amhran an Nèibhidh', gu tric fhathast. Tha dhà eile ann, 'Gleann an t-Iogan' agus 'Am Breacan agus a' Fèileadh' a chaidh a lorg bho chionn ghoirid.
Chan eil mòran fiosrachadh ri fhaighinn mu bheatha Mhurchaidh. A rèir nan òrain faodaidh gu robh e greis anns an arm. Sin a chuala an fheadhainn a bhuineas dha, ged nach eil fios le cinnt cuin, no fiù 's an robh:
Cha mhol mi fhìn an t-saighdearachd
Cha d' fhuair mi coibhneil i
'S gu dearbh cha dèanainn soighnigeadh
Ged gheibhinn oighreachd rìgh.
Tha òran eile ag innse mu bheatha chruaidh anns an Nèibhidh:
Saoilidh balaich bhios ri cèilidh
'G èisteachd ris na chluinn iad
Nach eil ceà ird as fheà rr na 'n Nèibhidh
Gus an tèid iad innte.
Innsidh mise lagh an Nèibhidh,
'G èirigh feadh na h-oidhche,
Mur a freagair thu chiad èighe,
Ceusaidh iad fo chuing thu.
Bha e air a rà dh am measg a chà irdean gun deach Murchadh a dhroch losgadh leis a' ghrèin nuair a bha e san arm no san Nèibhidh agus gu robh buaidh mhaireannach aig seo air a shlà inte.
Cha robh e ach mu dhà fhichead 's a seachd nuair a chaochail e ann an 1924.
Ach feumaidh cuideachd gu robh bà rdachd as na daoine, oir b' e Murchadh Iain, mac Thormoid, brà thair Mhurchaidh, a rinn òrain èibhinn mar 'Pà draig Ceann-baile' mu Peter Townsend a bha aig aon à m a' dol a phòsadh a' Bhana-phrionnsa Mairead agus 'Barbara na Mòintich' mu Barbara Moore a bha ainmeil airson na h-astair fhada a bhiodh i a' coiseachd. Rinn e cuideachd 'Tha Mà is air mo Mhiann' agus 'Gruagach a' Bhroillich Ghil' a chluinnear gan seinn fhathast, gu h-à raidh ann a' Leòdhas.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.