Òran air a sgrìobhadh le: Ceit NicLeòid agus air a sheinn le: Eachann MacCarmaig.
This is a song written by: Ceit NicLeòid and sung by: Eachann MacCarmaig.
Canada a thìr an à igh,
Tìr nan craobh, nan laoch 's a' ghrà in;
Chan eil mais' air aghaidh nà dair
Nach eil pà irt nad chòir dheth.
Canada a thìr an à igh.
Chan aithne dhomh à it' is à ille,
Gheibhear ann na beanntan à rda;
Aibhnichean is lochan sà mhach,
'S glinn tha fà smhor còmhnard.
Canada a thìr an à igh.
'S iomadh buaidh a tha ri inns' ort;
Thig an siùcar às a' chraoibh ann;
On d'fhuair sinn suaicheantas ar tìr
À duilleig rìomhach bhòidheach.
Canada a thìr an à igh.
Canada a thog na laoich
Nach cuir cruadal gu leth-thaobh;
'S iad nach d' fhalaich ann an cùil
Nuair thà inig glaodh Rìgh Sheòrais.
Canada a thìr an à igh.
Dh'fhà g an tuathanach an crann,
Leig an clèireach sìos a pheann;
Dh'fhalbh iad bhuainn fon airm dhan Fhraing,
'S b' e 'n call nach till na sheòl dhiubh.
Canada a thìr an à igh.
Nuair rà inig na seòid ud thall,
Cuid dhiubh 'n èideadh tìr nam beann,
Thuirt an Kaiser mòr le greann:
"Tha 'n t-Ã m bhith dol don Ã’laind."
Canada a thìr an à igh.
Nach e 'n Gearmailteach bha faoin,
'N dùil gun ceannsaicheadh e 'n saoghal;
'S tìr an fhraoich is tìr nan craobh
Fo bhrataich rìoghail Sheòrais.
Canada a thìr an à igh.
Bheir sinn cliù do Rìgh nan Sluagh
Thug dhan a' cheartas a' bhuaidh;
'S guidheamaid na chaidh dhan uaigh
Thoir dachaidh shuas an Glòir dhaibh.
Canada a thìr an à igh.
Chaidh Eachann MacCarmaig a chlà radh ann am Framboise le Fred MacAmhlaigh ann an ...
Fiosrachadh air Eachann MacCarmaig / Learn more about Eachann MacCarmaigCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.