A rèir an fhiosrachaidh a tha anns an leabhar Beyond the Hebrides / Fad air Falbh às Innse Gall, cruinneachadh do dh'òrain à Ameireagaidh a Tuath, Astrà ilia agus Sealan Nuadh, a dheasaich an t-Ollamh Dòmhnall A. MacFhearghais (Halifax, Nova Scotia, 1977) chaidh an t-òran a dhèanamh le Ceit NicLeòid, à Framboise a Tuath, Siorrachd Richmond, air taobh an ear-dheas Eilean Cheap Breatainn.
Ged a b' e daoine à Uibhist a Tuath bu mhotha a thuinich ann am Framboise, chan eil e air a rà dh co às a thà inig sinnsireachd Cheit.
Ann am Framboise bha Ceit na nà baidh do Dan Ailig Dòmhnallach, am bà rd a sgrìobh an t-òran molaidh do Cheap Breatainn, ''S e Ceap Breatainn Tìr mo Ghrà idh'.
Tha e air innse gun deach i gu ruige Boston, Massachusetts, far an do phòs i Gà idheal eile air an robh Calum MacAonghais, ach an dèidh iomadh bliadhna sa bhaile mhòr gun do thill i gu ruige Ceap Breatainn.
Anns an t-òran tha Ceit a' moladh Chanada:
Chan aithne dhomh à it' is à ille,
Gheibhear ann na beanntan à rda;
Aibhnichean is lochan sà mhach,
'S glinn tha fà smhor còmhnard.
'S iomadh buaidh a tha ri inns' ort;
Thig an siùcar às a' chraoibh ann;
On d' fhuair sinn suaicheantas ar tìr
À duilleig rìomhach bhòidheach.
Tha i cuideachd a' moladh na laoich à Canada a shabaid air taobh Bhreatainn anns a' Chiad Chogadh:
Canada a thog na laoich
Nach cuir cruadal gu leth-thaobh;
'S iad nach d' fhalaich ann an cùil
Nuair thà inig glaodh Rìgh Sheòrais.
Dh'fhà g an tuathanach an crann,
Leig an clèireach sìos a pheann;
Dh'fhalbh iad bhuainn fon airm dhan Fhraing,
'S b' e 'n call nach till na sheòl dhiubh.
Bha 33,000 saighdeir anns a' chiad bhuidheann Canèideanach a chaidh gu aghaidh blà ir agus dh'fhuiling iad sin call mòr aig leithid an darna blà r aig Ypres far an deach gas puinnseanta a chleachdadh airson a' chiad uair.
Mus robh an cogadh seachad bha mu 619,000 Canèideanach air a bhith a' sabaid aig blà ir ainmeil leithid an Somme, Vimy Ridge, Passchendaele agus Mons. Chaidh còrr air 170,000 dhiubh an droch leòn, agus chaill còrr air 60,000 dhiubh am beatha, call mòr don dùthaich.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.