Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacCumhais agus air a sheinn le: Eòghainn MacLeòid agus runrig.
This is a song written by: Iain MacCumhais and sung by: Eòghainn MacLeòid and runrig.
Chì mi 'n tìr san robh mi nam bhalach,
Tìr nan suinn, Leac a' Lì nam shealladh;
Chì mi 'n tìr san robh mi nam bhalach.
À tìr nan Suaineach a rinn sinn gluasad,
'S i leinn an uair sin tighinn tuath air Scalpaigh.
'S ged 's creagach cruaidh e, cha toir mi fuath dha,
Far bhà rr a' chuain à ite 's bòidhche sheallas.
'S ged 's creagach grà nd e, an tìr ri h-à ireamh,
Chan eil nas à ille far bhà rr na mara.
Nam faighinn òrdan a' gheòla lòbhradh,
Gur mi bhiodh deònach ga seòladh dhachaigh.
Chì mi an t-iasgair a' cur nan lìon ann -
Gum b' e mo mhiann bhith sa chiar gan tarraing.
Sin thuirt Eòghainn, 's e tighinn nam chòmhdhail,
"Nach seall thu an Gòbhtaidh fo Shròin na h-Earraidh."
Tha mi fo ghruaimean, on rinn mi gluasad,
'S mi caoidh na gruagaich tha am Bruaich na Caradh.
Nuair thig an Dùbhlachd gum fà g mi an t-Siùna,
'S gum bi mo dhùil dhol le sunnd gum dhachaigh.

'S ann à Scalpaigh a tha Eòghainn MacLeòid, an ceathramh leanabh aig Sandra agus aig Ceanaidh MacLeòid. Chaidh e do Bhun-sgoil Scalpaigh, agus rinn e ...
Fiosrachadh air Eòghainn MacLeòid / Learn more about Eòghainn MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.