Òran air a sgrìobhadh le: Catrìona Mhoireach agus air a sheinn le: Mà iri Nic a' Ghobhainn.
This is a song written by: Catrìona Mhoireach and sung by: Mà iri Nic a' Ghobhainn.
Bha Bà thadh Mòr Nis ann air 18 Dùbhlachd, 1862.
Chuir iad mise chun na mòintich
Thoisich lùths nan dòrn gam fhà gail
Far is tric a chì mi Mhòr-thìr
Far nach d' fhuaireadh Dòmhnall sà bhailt'.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
'S muladach mi 's mi tha cianail
Sin a' rud a liath cho trà th mi
Cuimhneachadh air oidhch' ur millidh
Dh'fhà g i 'n-diugh an inneamh chà ich mi.
'S tha mi nis air aodann mara
'S o chan urrainn mi bhith sà mhach
'S chan eil tonn a chluinn mi gluasad
Nach saoil mi gun do ghluais do chnà mhan.
O cha b' iongnadh mi bhith 'g ionndrainn
'N oidhche dh'fhalbh an crowd nach d' thà inig,
'S cha b' mhòr bha 'n Eilean Leòdhais
A shà bhail à grunnd a' bhà thaidh.
Chaill mi 'n duine bh'aig mo phiuthar
Chaill mi mo dhuine 's mo bhrà ithrean
Ach dh'aindeoin 's cò tha ri 'g ionndrainn
'S lom a rinn an grunnd mis' fhà gail.
Fhuair mi sliochd is thog mi òg iad
Gheibh mi 'n-diugh gu leòr gan à rach
Cha b' fhada dh'fhairich mi am pòsadh
Shaoil leam nach robh còir am fà gail.
Mairead chuidich i ri m' ghualainn
Mà iri dh'fhàs i suas cho là idir
'S bha Catrìona agam cho brònach
Gormshuil cha bu mhò' am pà iste.
'S òg a dh'fhà gadh sibh gun chùl
Iain beagan suas air rà ithe
'S O gu dearbh cha b' ann gun chruadal
Theann mi cumail suas na fà rdaich.

Rugadh is thogadh Mà iri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far a robh seinn na rud cho nà darrach ri ...
Fiosrachadh air Mà iri Nic a' Ghobhainn / Learn more about Mà iri Nic a' GhobhainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.